Clough Williams-Ellis
'S e ailtire a bha ann an Sir Bertram Clough Williams-Ellis, (28 an Cèitean 1883–9 an Giblean 1978).
Clough Williams-Ellis | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Bertram Clough Williams-Ellis |
Breith | Gayton (en) , 28 dhen Chèitean 1883 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | Plas Brondanw (en) , 9 dhen Ghiblean 1978 |
Teaghlach | |
Athair | John Clough Williams-Ellis |
Màthair | Ellen Mabel Greaves |
Cèile | Amabel Williams-Ellis (en) (31 dhen Iuchar 1915 - |
Clann |
liosta
|
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oundle School (en) Colaiste na Trianaide |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | ailtire agus oifigear |
Àitichean-obrach | Cambridge |
Duaisean a fhuaras | |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Cogadh Mòr |
Rugadh Clough Williams-Ellis ann an Gayton, Northamptonshire, Sasainn, ach bha ceanglaichean làidir aig an teaghlach aige ris a' Chuimrigh. Mar sin gluais iad air ais don Chuimrigh a Tuath nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois. Chaidh a theagasg aig Oundle School, Colaiste na Trianaide, Oilthigh Chambridge is gu cliobhar ann an Lunnainn. Fhuair e mar dhìleab oighreachd ann am Meirionydd ann an 1908.
Dh'fhàs e ainmeil air sgàth a' bhaile Portmeirion a thòisich e ann an 1925 is a tha suidhichte ann an Gwynedd ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Chruthaich e am baile ann an stoidhle Eadailteach agus nochd Portmeirion mar "The Village" anns na 1960an air a' phrògram Tbh "The Prisoner". An-diugh 's e aon de na h-àitichean as cudromaiche a th' ann airson roinn turasachd na Cuimrigh. Bha e am measg nan stèidheadair Council for the Protection of Rural England ann an 1926 is Council for the Protection of Rural Wales ann an 1928 is dh'iomairt e airson nam Pàirc Nàiseanta ann an Sasainn is Cuimrigh.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Visit - Clough Williams-Ellis”. Portmeirion Village. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2018.