Pontevedra
Pontevedra
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Pontevedra | ||||
Sgìre | A' Ghàilis | ||||
Co-chomharran | 42° 26' Tuath 08° 38' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 118.2 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 83,260 (2020) | ||||
Dlùths | 704.4/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 986 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus port beag air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Pontevedra (IPA: ponte'βɛ.ðɾa). 'S ann às an ainm Laideann Pons veteris (Seann Drochaid) a th'ann ainm a' bhaile.[1] Tha Pontevedra suidhichte ri beulaibh a’ Bhàigh Pontevedra, aig 27m os cionn ìre na mara,[2] aig inbhir na h-aibhnichean Tomeza agus Lérez.[3] Tha Pontevedra 465km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 51km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise.[4] Tha 83,260 daoine a’ fuireach ann am Pontevedra,[5] an 4mh baile as motha ann an Galicia agus an 84mh baile na Spàinne.[6] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Pontevedra a th’ann am Pontevedra cuideachd.
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à pontem veteram ann an Laideann a tha an t-ainm - a tha a' ciallachadh seann drochaid. A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à pontem petram (Gàidhlig: drochaid cloiche) ainm an a tha e.[7]
Eachdraidh
deasaichChuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[9]
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Apontevella
- ↑ AEMET
- ↑ Pueblos de España
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Colin Davies
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1