B' e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a bha fo bhuaidh na Frainge a bh' ann am Poblachd na Ròimhe[1] (Fraingis: République Romaine, Eadailtis: Repubblica Romana) a mhair dìreach còrr is bliadhna bho 1798 gu 1799. Bhuineadh Lazio, Marche agus Umbria agus dhan Phoblachd. Chuir Napoleon Bonaparte às do Stàitean na h-Eaglaise ann an 1798 agus chuir e air dòigh Poblachd na h-àite,[2] ach cha do mhair a' Phoblachd ach bliadhna, leis gu robh i ann an earbsa ri feachdan na Frainge,[3] agus an uair sin chaidh Stàitean na h-Eaglaise a chur air bhog a-rithist. B' fheudar do Phius VI theiche thall thairis, far a chaochail e ann an 1799.[4] Bha sgaradh-pòsaidh agus pòsadh sìobhalta air an dèanamh laghail, chaidh abaidean agus a leithid a dhùnadh agus chaill an eaglais a chuid oighreachdan. Dh' fhàg Arm na Frainge An Ròimh air 19 an t-Sultain 1799 agus air 30 an t-Sultain ghabh Feachdan Rìoghachd Napoli thairis air a' bhaile agus crìoch air a' Phoblachd.[5]

Poblachd na Ròimhe
Repubblica Romana
République Romaine
17981799
[[Faidhle:|90px]]
Bratach na dùthcha gun ghearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1798
Bliadhna mu Dheireadh 1799
Prìomh-Bhaile An Ròimh
Càna(i)n Oifigeil Eadailtis/Fraingis

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Imperial City: Rome under Napoleon, Susan Vandiver Nicassio, 2009, UCP, Chicago
  2. Leonardo
  3. Monitore Nalpoitano
  4. Santi e Beati
  5. Repubblica Napoletana