La Genga
La Genga | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Eadailt |
Ceàrn | Marche |
Co-chomharran | 43° 25′ 49 Tuath 12° 56′ 08 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 72.35 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,938 (2011) |
Dlùths | 26.79/km² |
Àireamh fòn | +39 0732 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile beag ann am meadhan na h-Eadailt a th’ ann an La Genga neo Genga. Tha e suidhichte aig 289m os cionn ìre na mara,[1] faisg air Sassaferato anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Ancona, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Marche, eadar a’ Mhuir Adriaticach agus Beanntan nan Dolomiti, 174km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 373km bho Mhilano, 236km bho Phadova agus 141km bho Fhirenze.[2] Tha 1,938 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Tha am baile fa leth am broinn na Pàirce Nàdarra Iondail Gola della Rossa e di Frasassi.[4] Bha La Genga fo bhuaidh nan Uachdaran Della Genga fad linntean. A bharrachd air sin, ‘s e sgìre am broinn Stàitean nam Pàp ro Aonadh na h-Eadailt a bh' ann.
Eachdraidh
deasaichBhuineadh La Genga do Stàitean na h-Eaglaise.
Daoine Ainmeil
deasaich- Annibale Melchiorre Girolamo Nicola della Genga (1760 – 1829): Pàp bho 1823 gu 1829.