'S planaid (bho' n Greugais Àrsaidh ἀστὴρ πλανήτης (astēr planētēs), a' ciallachadh "reul shiùbhlach") ball reul-eòlasach ann an reul-chuairt mun cuairt air rionnag.

Na planaidean mòra agus a' Ghrian

Feumaidh am ball a bhith tomadach gu leòr agus gun dèan iom-tharraing e (cha mhòr) cruinn, ach gun a bhith cho mòr' s gun toisich fiùisean teas-niùclasach na bhroinn. A bharrachd air sin, feumaidh planaid a farsaingeachd a ghlanadh.

Chaidh am mìneachadh planaid ùr seo a ghabhail ann an 2006, agus air sgàth na cumha mu dheireadh, chaill Pliùto inbhe planaid.

Planaidean anns an Rian-grèine

deasaich

Artagailean eile

deasaich