'S e HD 80606 b (cuideachd Struve 1341 B b no HIP 45982 b) planaid iom-iupatarach (Iomrallachd Iupatarach) 190 bliadhna-solais an astair san reul-bhad Ursa Major. Chaidh a' phlanaid a lorg na cuairt mu thimcheall an reul Struve 1341 B sa Ghiblean 2001 le sgioba le Michel Mayor agus Didier Queloz air a' cheann. À rèir a tomad, 4 uiread A' Bliogha, 's e fomhair gasa a tha ann. Air sgàth 's gu bheil a' phlanaid na cuairt air beulaibh an réile, urrainnear an rèideas aice a thomhais le bhith a' cleachdadh a' mheadhan-thrasnaidh agus chaidh a lorg gu bheil i beagan nas lugha na Am Bliogh. Agus tha dlùths HD 80606 b dìreach beagan nas lugha na an t-Saoghal.

Atharrais digiteach a' sealltainn siostaman na h-aimsire air HD 80606 b, an taice ris A' Bhliogha/Iupatair.

Feartan Fiosaigeach

deasaich
 
Reul-chuairt HD 80606b.

'S e reul-chuairt as iomrallaiche aig HD 80606 b, as dèidh HD 20782 b. 'S e 0.9336 anns an iomrallachd aice, coimeasach ri Reul chearbach Halley. 'S dòcha gun tàinig an iomrallachd bho forsa Kozai, a thachradh nam biodh reul-chuairt na planaid claon gu anabarrach an taice ris an dà reul càraideach. Tha am beachd seo air a chumail le tomhaisean bhon adhbhrachadh Rossiter–McLaughlin, a tha a' sealltainn gu bheil e comasach gu bheil reul-chuairt na planaid iomrallach gu mòr (mu 50 puing) ris aiseal an réile, 's e seo dìreach an rèiteachadh ris a bheil dùil nam biodh forsa Kozai a' cur air a' phlanaid.