Philippe Pétain
B' e Henri Philippe Benoni Omer Joseph Pétain, (Cauchy-à-la-Tour, 24 an Giblean 1856 – 23 an t-Iuchar Port-Joinville 1951) seanailear agus riochdaire dioplòmasach Frangach a bha os cionn riaghaltas na dùthcha fo bhuaidh nan Nàsach aig àm an Dàrna Cogaidh, bho 11 an t-Iuchar 1940 gu ruige 20 an Lùnastal 1944, nuair a thill Charles de Gaulle dhan Fhraing.
Teaghlach
deasaichBhuineadh Pétain do theaghlach dhe croitearan caitligeach. Chaidh e dhan sgoil saighdearachd Saint-Cyr ann an 1886 agus dhan Àrd Colaiste a’ Chogaidh (Fraingis: École Supérieure de Guerre) ann an Paris an ath bhliadhna, is bha e an siud gu ruige 1906. Bha e follaiseach gu robh airson eòlas-cogaidh dìonadach agus sabaid na trainnsichean daingnichte. Chaidh e a chur suas gu còrnaileir ann an 1912.
An Cogadh Mòr
deasaichBha e faisg air a bhith a' leigeil dheth a dhreuchd mus do thòisich an cogadh ann an 1914 is chaidh a chur suas a-rithist, an turas seo gu bhith na sheanailear. Ghabh e pàirt anns an iomairt soirbheachail ann an Champagne ann an t-Sultain 1915, is e os cionn Dàrna Arm na Frainge. An ath bhliadhna, bha Charles de Gaulle òg a-measg a chuid oifigearan aig Verdun, is Pétain a' stiùireadh iomairt dìon a’ bhaile.
Bha an iomairt fhada sin an aghaidh nan Gearmailteach cho soirbheachail math proifeiseanta gun do dh' fhàs e cliùiteach air feadh na dùthcha is na daoine cho measail air. Air sàilleabh sin, 's e esan a chaidh ainmeachadh ceannard na Feachdan Armachd uile gu lèir (an àite Robert-Georges Nivelle, a dh'fhàillig anns an iomairt ann an Chemin des Dames) an ceann corra mhìos, nuair a bha mì-mhisnich a’ fàs na bu miosa eadar na saighdearan is iad a' seasamh an aghaidh an Airm. Chuir e an droch stàit anns an robh na saighdearan am feabhas, ged an do chuir e sìos na reubaltaich anns an dòigh uabhasach garbh cruaidh. Dh’ath-eagaraich e an t-Arm is bhuannaich e earbsa nan saighdear.
Bha e fhathast san dreuchd sin aig deireadh a’ chogaidh, ged an robh e fo òrdughan an t-seanaileir Foch bhon an Giblean 1918. Chaidh Foch ainmeachadh ceannard na feachdan ann an iar uile gu lèir, is chuir iad ruaig air na Gearmailtich a bha a’ cur ionnsaigh mu dheireadh orrasan. Le sin, b’ fheudar dha na Gearmailtich fosadh iarraidh. Aig deireadh na bliadhna 1918, fhuair Pétain bata sònraichte pròiseil dhe marasgal na Frainge, an rud as cliùitiche do shaighdear sam bith anns an Arm.
Cha robh e an sàs ann an iomairt neo iomairt idir gu ruige 1925, is e ann am Maroco an turas seo a’ sabaid an aghaidh Abd el-Krim anns an Rif. Chuir Pétain ruaig air ann an 1926. An dèidh sin bha e na fhear sgrùdadh coitcheann an Airm, na mhinistear a’ chogaidh anns an riaghaltas aig Gaston Doumergue agus ann an 1939, tosgair na Frainge anns An Spàinn aig Francisco Franco.
Prìosan agus bàs
deasaichCho-dhùineadh gun robh e ciontach de thraoidhtearachd an dèidh don cogadh ann an Sigmaringen anns a' Ghearmailt. Lùghdaicheadh a bhinn-bhàis do bhinn-bheatha agus dh'fhuirich e ann an caisteal ann an Ile de Yeu mus do chaochail e ann an Port-Joinville ann an 1951.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Cavendish, Richard (An t-Iuchar 2001): “Death of Marshal Pétain” (Beurla). History Today. Air a thogail 16mh dhen Dùbhlachd 2016.