B' e dealbhadair grafaigeach, peantair agus cruth-ealantair dathaiche, eas-chruthach Ucràineach/Aimearaganach a dhèanadh fòcas air cuspairean Iùdhach a bh' ann am Peter Krasnow (ainm-breithe: Feivish Reisberg, Ucràinis: Петро Краснов, Eabhra: פיטר קרסנוב, Novohrad-Volynskyi, 20 an Lùnastal 1886 - Los Angeles, 30 an Dàmhair 1979).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Iùdhach àbhaisteach: bha athair na sgeadaiche agus rinn Krasnow preantasachd fodha, an dèidh na sgoile. Rinn e imrich dha na Stàitean ann an 1907 agus thug e ceum ann an ealain às an Art Institute of Chicago ann an 1916.[2] Thog e taigh san sgìre Atwater Village an Los Angeles, far an robh e na thàmh gus a chaochail e. 'S ann an an taigh-tasgaidh ann an Laguna Beach, far a chithear còrr is 500 obraichean a rinn Krasnow.[3]

Peter Krasnow
Beatha
Breith An Ucràin agus Novohrad-Volynskyi, 20 dhen Lùnastal 1886
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Bàs Los Angeles, 30 dhen Dàmhair 1979
Foghlam
Foghlam School of the Art Institute of Chicago (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd peantair, snaidheadair agus dealbhadair grafaigeach
Àitichean-obrach Los Angeles

Iomraidhean

deasaich
  1. Los Angeles Times
  2. Smithsonianb American Art Museum
  3. Laguna Art Museum