Ourense
Ourense
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Ourense | ||||
Sgìre | A' Ghàilis | ||||
Co-chomharran | 42° 20' Tuath 07° 52' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 85.2 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 104,596 (2021) | ||||
Dlùths | 1,227.65/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 988 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Ourense (Gàilisis) neo Orense (Spàinntis). Tha Ourense suidhichte ann an Roinn Ourense, shuas air còmhnard àrd,[1] aig 327m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne Miño.[3] Tha Ourense 403km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 83km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise.[4] Tha 104,596 daoine a’ fuireach ann an Ourense,[5] an 3mh baile as motha ann an Galicia agus an 61 baile na Spàinne.[6] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Ourense a th’ann Ourense cuideachd.
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à Auriense ann an Laideann a tha an t-ainm - a tha a' ciallachadh Baile an Òir. Tha eachdraidh nam mèinean òir faisg air a' bhaile a' gabhail ri sin. A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à aquae urente (Gàidhlig: uisgeachan teth) no fiù' s Gearmailtis warmsee (Gàidhlig: loch blàth) a tha e.[7]
Eachdraidh
deasaichChuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[9]
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Vila Real, A' Phortagail
- Tlalnapantla de Baz, Meagsago
- Quimper, An Fhraing
Iomraidhean
deasaich- ↑ Canal Social[dead link]
- ↑ Mongabay
- ↑ Galeón
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ A Xunta
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1