'S e matamataigear, sgrìobhadair, neach-poileataigs, neach-iomairt, refusenik agus easaontaiche à Iosrael/An t-Aonadh Sobhiatach a rugadh san Ucràin a th' ann an Natan Sharansky (ainm breithe: Anatoly Borisovich Shcharansky, Eabhra: נתן שרנסקי, Ucràinis: Натан Борисович Щаранський, Ruisis: Ната́н Борисович Щара́нский, Stalino, 20 am Faoilleach, 1948).[1] 'S ann do theaghlach Iùdhach Sìonach bùirdeasach a bhuin e: bha athair na neach-aithris roimhe.

Natan Sharansky
Ball den Knesset

17 dhen Ògmhios 1996 - 7 dhen Ògmhios 1999
Minister of Economy (en) Translate

18 dhen Ògmhios 1996 - 6 dhen Iuchar 1999
Michael Harish (en) Translate - Ran Cohen (en) Translate
Ball den Knesset

7 dhen Ògmhios 1999 - 17 dhen Ghearran 2003
18. Minister of the Interior of Israel (en) Translate

6 dhen Iuchar 1999 - 11 dhen Iuchar 2000
Eli Suissa (en) Translate - Chaim Ramon (en) Translate
Deputy Prime Minister of Israel (en) Translate

7 dhen Mhàrt 2001 - 28 dhen Ghearran 2003
Ball den Knesset

17 dhen Ghiblean 2006 - 21 dhen t-Samhain 2006 - Chaim Katz (en) Translate
Beatha
Breith Donetsk (Donetska Oblast), 20 dhen Fhaoilleach 1948
Dùthaich  An t-Aonadh Sobhiatach
 Iosrael
Teaghlach
Athair Boris Shcharansky
Màthair Ida Milgrom
Cèile Avital Sharansky (en) Translate
Foghlam
Foghlam MIPT Department of Control and Applied Mathematics (en) Translate
Cànain Beurla
Ruisis
Eabhra
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, sgrìobhadair, matamataigear, neach-iomairt nan còraichean daonna agus chess player (en) Translate
Àitichean-obrach Ierusalem
Duaisean a fhuaras
Gluasad Movement to Free Soviet Jewry (en) Translate
Creideamh
Creideamh Iùdhachd
Pàrtaidh poileataigeach Likud (en) Translate
Yisrael BaAliyah (en) Translate

An t-Aonadh Sovietach

deasaich

An dèidh na sgoile, far an robh e na sàr-ghineachas, thug e ceum ann am fiosaig san oilthigh MIPT am Mosgo. An dèidh an oilthighe, chuir e seachad corra bhliadhna ag obair ann an deuchainn-lann dhìomhair na stàite faisg air Mosgo. Dhiùilt an stàit cead-pòsaidh dha agus le sin phòs e aig an neach-iomairt Natalia Stieglitz ann an 1974 ann an dìomhaireachd, leis nach ghabhadh An t-Aonadh Sobhiatach ri pòsadh creideamhach idir. Ann an 1973 chuir e foirm-iarrtais ann ri dhol a dh'Iosrael, ach chaidh an tagradh seo a dhiùltadh air sgàth 's gun do dh'obraich e san deuchainn-lann dhìomhair. Thoisich e iomairt agus chaidh a chur an greim leis an KGB agus fhuair e binn-prìosain sa Ghulag ann an 1977. B' e tàileasg a chuidich e ri làimhseachadh na bliadhnaichean fad sa Ghulag.[2]

Iosrael

deasaich

Bha Sharansky air a shaoradh mu dheireadh thall ann an 1986, an dèidh iomairt eadar-nàiseanta agus chaidh e a dh'Iosrael. Ann an 1995 stèidhich e am partaidh poileatagach Yisrael BaAliyah.[3] Fhuair am pàrtaidh 9 seataichean san Knesset ann an 1996, 6 ann an 1999 agus 2 ann an 2003. Dh'aoin Sharansky Yisrael BaAliyah ri Likud ann an 2003. Tha Sharansky air a bhith na mhinistear malairt agus gnìomhachais (1996–1999), Rùnaire Stàite na Dùthcha (1999–2000), Leas-Phrìomhaire (2001–2003) Ministear Taigheadais agus Togail (2001–2003) agus Ministear Cùisean Ierusalem (2003–2005).

Iomraidhean

deasaich
  1. Knesset
  2. BBC
  3. Elazar, Daniel J.; Mollov, M. Ben; Chemodanov, Alexander; Golberg, Alexander (30 June 2020). Israel at the Polls 1999: Israel: the First Hundred Years, Volume III. Routledge. ISBN 9781135279936.


 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: