Morabhia

fearann eachdraidheil ann am Poblachd nan Seiceach

'S e dùthaich eachdraidheil anns an t-Seic a tha ann am Morabhia (Morava san t-Seacais agus san t-Slobhacais, Moravia sa Bheurla agus sa Laideann, Morawijo san t-Silesianais, Mähren sa Ghearmailtis, Morawy sa Phòlainnis). ’S e Brno a prìomh-bhaile Tha 22,349 km2 a dh'fharsaingeachd innte, agus ’s i earrann an earra-dheas dhen t-Seic. Tha crìochan aice leis an dà dhùthaich eachdraidheil eile a tha san t-Seic, Bohemia agus Silesia, agus cuideachd leis an t-Slòbhac, leis an Ostair, agus leis a’ Phòlainn.

Morabhia
Morabhia anns an t-Seic
Morabhia[1][2]

Tha mu 3 millean duine a' fuireach san dùthaich. A’ mhòrchuid dhiubh ’s e Morabhianaich a th’ annta, ach tha cuid mhòr ann cuideachd de Sheicich, de Shlobhaigianaich agus de Romanaithich. Ro’n Dàrna Cogadh, bha cuid mhòr de Ghearmailteach ann cuideachd. Tha cuid de na Morabhianaich gam faicinn fhèin mar nàisean fa leth, ach tha a’ chuid eile gam faicinn fhèin mar sheòrsa de Sheicich. Tha iad a' bruidhinn le grunn dualchainntean de Sheacais.

Iomraidhean

deasaich
  1. Svoboda, Zbyšek, Fojtík, Pavel; Exner, Petr; Martykán, Jaroslav (2013): Odborné vexilologické stanovisko k moravské vlajce. Brno: Česká vexilologická společnost, td. 3319, 3320. 
  2. Pícha, František (2013): Znaky a prapory v kronice Ottokara Štýrského. Brno: Česká vexilologická společnost, td. 3320-3324.