Miùghalaigh

an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Bharraigh.
(Air ath-sheòladh o Mingulay)
Miùghalaigh
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Eileanan an Iar
Innis-mhuir {{{INNIS_MHUIR}}}
Co-chomharran 56.8115
-7.6375
Comharradh-clèithe NL560830
Feartan fiosaigeach

Co-chomharran: 56°48′41″N 7°38′15″W / 56.8115°N 7.6375°W / 56.8115; -7.6375

'S e Miùghalaigh[1][2], cuideachd Miughalaigh [3] neo Miùghlaigh[4], an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Bharraigh. Tha e suidhichte mu 12 mìle (19 km) deas air Barraigh. 'S e ainm Lochlannach a th' ann am Miùghalaigh, is dòcha gu bheil e a' ciallachadh "main hill island" no "narrow hill island".[5]

Location
Location
Miùghalaigh
Suidheachadh Mhiùghalaigh ann an Alba

Cruth na tìre

deasaich

Tha e cho mòr ri 640 ha (2.5 sq mi). Chaidh an t-eilean a chruthachadh à gneiss le beagan eibhir no clach-ghràin an siud is an seo. Air taobh an ear an eilean, timcheall air bàigh Mhiughalaigh chithear criadh-chlach cuideachd. Tha a' chuid as motha den eilean còmhdaichte le mòine, no ùir thana shearbhagach le creagan rùisgte. 'S e Càrnan (273 m) a' bheinn as àirde air an eilean, tha e suidhichte ann an taobh an iar an eilean.[6] Le 219 m a dh'àirde 's e Hèacla an dàrna bheinn as motha ann am Miùghalaigh, tha e na laighe aig ceann a deas an eilean. Aig ceann a tuath Miùghalaigh tha Cnoc Mhic-a-Phì (224 m), an treas beinn as àirde, agus Tom a' Reithean ann.[7]

Tha Miùghalaigh ainmeil air sgàth 's na h-eòin a tha a' fuireach an seo.[8] Gu cumanta tha gearraidhean-glasa (Laideann: uria aalge) is coltraichean (Laideann: alca torda) a' neadachadh anns na creagan àrda ann an Guarsaigh Mòr.

Dualchas

deasaich

Tha Miughalaigh aithnichte air t-sàilleabh dualchas muinntir an àite - beairteas òrain, sgeulachdan agus beul-aithris - ann an Gàidhlig. [9] Cluinnear eisimpleirean gu leòr ann an clàraidhean Thobair an Dualchais (Sgoil Eòlais na h-Alba).[10] 'S ann à Miughalaigh a bha mathair Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh.

Beatha nan Daoine

deasaich

Bha daoine a' fuireach ann am Miughalaigh gus an do dh'fhàg an fheadhainn mu dheireadh e eadar 1907 agus 1912. Tha ceangail làidir eadar muinntir an àite agus Raiders Bhatarsaigh. Bha buaidh mhòr aig a' mhùir agus aig a' chladach air dòigh-beatha muinntir Mhiughalaigh. 'S e Gàidhlig a bh' aig na daoine. Tro iasgach is eile bha ceangail aca ri Èirinn. B' e an creideamh Caitligeach a bh' aca. [11]

Bailtean

deasaich
 
Am baile ann an 1888

Tha tràigh làn gainmheach ann an taobh an ear Mhiùghalaigh a tha a' sìor ghluasad nas fhaide a-steach air an tìr. B' àbhaist baile Mhiùghalaigh a bhith an seo, ach ann an 1912 dh'fhalbh na daoine às an eilean. Chithear fhathast tobhtaichean nan taighean, taigh an t-sagairt, an eaglais, an sgoil agus na h-achannan is an cladh. Chaidh sgoil ùr a thogail ann an 1881. Ann an 1884 bha 32 sgoilearan chlàraichte san sgoil, ach ann an 1910 cha robh ach naoinear ann agus chaidh an sgoil a dhùnadh anns a' Ghiblean 1910.[12] Chaidh taigh an t-sagairt le seipeal beag a thogail ann an 1898.

Bhon bhliadhna 2000 a-mach tha an t-eilean aig Urras Nàiseanta na h-Alba.[13]

Iomraidhean

deasaich
  1. Ainmean-àite na h-Alba
  2. Am Faclair Beag
  3. Stòr-dàta SMO
  4. Mapa Mhiùghlaigh
  5. I. Mac an Tailleir 2003, Ainmean-àite td. 87
  6. Ordnance Survey 1:50,000 Landranger: Second Series (1994) Sheet 31.
  7. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 209-213; ISBN 9781847672773
  8. Urras Nàiseanta na h-Alba: Eòin-mara (Beurla)
  9. Storey, Lisa (2008) d. 7.
  10. Storey, Lisa (2008) d. 108.
  11. Storey, Lisa (2008) d. 59.
  12. Clàraichean sgoile Mhiùghalaigh 1875 -1910
  13. Urras Nàiseanta na h-Alba

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: