Guarsaigh Mòr
Co-chomharran: 56°49′05″N 7°39′24″W / 56.818071°N 7.656768°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Guarsaigh Mòr.
Guarsaigh Mòr | |
---|---|
Creagan Ghuarsaigh Mhòir bhon mhuir | |
Àirde (m) | 112 |
Àirde (tr) | 367 |
Àirde rinneach (m) | 30 |
Màthair-mhullaich | Càrnan |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Miùghalaigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452S) |
Comharradh-clèithe | NL550839 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte aig ceann an iar-thuath an eilean Mhiùghalaigh tuath air Sloc Chiasaigeo. Tha Guarsaigh Mòr 112m (367 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 20 am Faoilleach 2012.[2] Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ann a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1] Tha an àirde rinneach de 30m a' sgaradh Guarsaigh Mòr bho na beanntan eile agus 's e Càrnan a mhàthair-mhullaich.
Tha Guarsaigh Mòr na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne. Air taobh an iar na beinne tha am mullach a' briseadh sìos don mhuir, chithear creagan àrda an seo. Gu cumanta tha gearraidhean-glasa (Laideann: uria aalge) is coltraichean (Laideann: alca torda) a' neadachadh an seo.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)