Melgar
Melgar
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Tolima | ||||
Àirde | 323m | ||||
Co-chomharran | 04° 12' 14' Tuath 74° 38' 34' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 201 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 32,774 (2005) | ||||
Dlùths | 163.05/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann Melgar. Tha e suidhichte aig 323m os cionn ìre na mara 98km air falbh bho Bhogotá agus 96km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le cìomaid gu math teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1872.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 32,774 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 5,945 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Melgar. Tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 3.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.4% dhe na daoine ann an Melgar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 38.4% dhe na dachannan.[4]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Melgar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèille an Naoimh Peadar: 29mh An t-Ògmhios gu 2 an t-Iuchar.
- Fèille an Naoimh Antoin à Assisi: 4mh an Dàmhair.
Daoine Ainmeil
deasaichChaochail Gustavo Rojas Pinilla (1900 – 1975) an seo.