Meiningen
Meiningen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Schmalkalden-Meiningen | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 50° 34' 04' Tuath 10° 24' 46' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 59.46 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 21,231 (2015) | ||||
Dlùths | 357.06/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)3693 agus (0)36943 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach faisg air Rudolstadt, air an àirde an ear-dheas na Gearmailte a th’ ann am Meiningen. Tha e suidhichte shuas aig 287m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Werra, am broinne na stàite Thüringen. Tha am baile 133km air falbh bho Frankfurt, 62km bho Erfurt, 92km bho Würzburg agus 300km bho Bherlin.[1] Tha 20,966 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
deasaichChaidh Meiningen a chlàradh mar Meiningen in der Mark airson a' chiad turais ann an 982 ann an sgrìobhainn a bhuineadh dhan Rìgh Otto II.[3] Thogadh am Marktlkirche (Gàidhlig: Eaglais na Margaidh) ann am 1000 agus thug an Rìgh Otto III Meiningen gu Easbaigeachd Würzburg ann an 1008, dham bhuineadh e, aig ìre spioradail, gu ruige An Ath Leasachaidh ann an 1544.[4] Fhuair e a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt ann an 1153, a thug piseach air an eaconomaidh. Tha am baile air a bhith na phàirt iomadh stàit thar nan linntean: Thugadh gu Diùcachd Sagsainn ann an 1583 ach cha do mhair sin ach fiù's linn agus thug Diùcachd Sagsainn-Altenburg thairis e ann an 1660. Thug Diùcachd Sagsainn-Gotha seilbh air a' bhaile ann an dusan bliadhna ann an 1672 agus, mu dheireadh thall, chaidh Diùcachd Sagsainn-Meiningen a stèidheachadh ann an 1680. B' e prìomh-bhaile na stàit a bh' ann am gu ruige 1918,[5] nuair a chaidh Saorstàit Sagsainn-Meiningen a stèidheachadh, an dèidh Ar-a-mach na Gearmailt.[6] Chaidh a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920, ri linn Poblachd Weimar. Chaidh còmhlan-ciùil, air a bheil Hofkappelle,[7] a chur air dòigh leis an diùc ann an 1690 agus thoagh Gàrradh Sasannach ann an 1782 agus thogadh taigh-cluich ann an 1831. Thug an Darna Cogadh droch bhuidh air Meiningen. Chaochail 208 duine ann am bomadaireachd air 23 an Gearran 1945, a rinn sgrios agus milleadh air 25 taigh agus dà dhrochaid cuideachd.[8] An ceann dà mhìos, gheill am baile gu feachdan nan Stàitean Aonaichte, air 5 an Giblean. Thug iadsan dhan Arm Dearg. Bha daoine Mheiningen gu mòr an sàs ann an comhstri sìtheil an aghaidh an DDR ann an 1989.[9]
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Luft Linie
- ↑ Destatis
- ↑ 1000 Jahre Meiningen. 982 - 1982. Gebundene Ausgabe – 1981
- ↑ Kirchenkreis Meiningen
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Norbert Moczarski: Der letzte Landtag von Sachsen-Meiningen und die ihm nachfolgende Gebietsvertretung in den Jahren 1919–1923. In: Harald Mittelsdorf (Red.): Die vergessenen Parlamente. Landtage und Gebietsvertretungen in den Thüringer Staaten und Gebieten 1919 bis 1923. Herausgegeben vom Thüringer Landtag. Hain, Rudolstadt u. a. 2002, ISBN 3-89807-038-7, (Schriften zur Geschichte des Parlamentarismus in Thüringen
- ↑ Das Meininger Theater
- ↑ Roger A. Freeman: Mighty Eighth War Diary. Einsatzdokumentation der 8.USAAF
- ↑ Kreisarchiv[dead link]