Meall nan Ceapraichean
'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Meall nan Ceapraichean. Tha e 977m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte an ear air an rathad A835 agus mu 16km an ear-dheas air Ulapul. Is coltach gu bheil an t-ainm a' toirt iomradh air pailteas de chnuic bheaga, ceap a' ciallachadh cnap.[1].
Meall nan Ceapraichean | |
---|---|
Mullach Meall nan Ceapraichean | |
Àirde (m) | 977 |
Àirde (tr) | 3,205 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Inbhir Làthail |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH25738257 |
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin. Dh'fhaodadh a ceangal le Beinn Dearg, Cona Mheall agus Eididh nan Clach Geala.[2] Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loch Droma nas fhaide gu dheas air an rathad.[3]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names Scottish Mountaineering Trust. d. 115.
- ↑ Beinn Dearg air Walkhighlands
- ↑ Beinn Dearg air Munromagic