Frits Zernike
B' e eòlaiche-fiosaig às na Tìrean Ìsle a bh'ann am Frederik Frits Zernike (IPA: freːdərɪk frɪts ˈzɛrnikə, Amsterdam 16 an t-Iuchar 1888 - Amersfoort 10 am Màrt 1966).[1]
Beatha
deasaichB' e luchd-teagaisg mhatmataig a bh' ann a phàrantan, Carl Frederick August Zernike (1859 - 1922) agus Antje Dieperink (1859 - 1929). Bha a phiuthar Anne Zernike (1887 - 1972) a' chiad mhinistear bhoireann[2] san eaglais agus bha a phiuthar eile Elisabeth Zernike (1891 - 1982) na sgrìobhadair.[3] A thuilleadh air sin, bha a bhràthair Johannes Zernike (1901 - 1988) na cheimeagair.
Thug e ceum ann an ceimigeachd, matamataig agus fiosaig aig Oilthigh Amsterdam ann an 1912. Bhuannaich e duaisean airson a chuid obrach air opaileasans ann an gasaichean agus an uair sin chuir e seachad dà bhliadhna ag obair fo Jacobus Cornelius Kapteyn (1851 - 1922) aig Oilthigh Ghroningen. Aig àm an dàrna cogaidh b' e na Gearmailtich a chleachd an rannsachadh aige anns a' chogadh.
Phòs e dà thuras: a' chiad turas ann an 1930 aig an tidsear Theodora Willemina van Bommel van Vloten (1887 - 1945)[4] agus an uair sin ann an 1954 aig Lena Baanders (1886 - 1975). Bha duine-cloinne aige: N. N. Zernike agus Frits Zernike. Bhuannaich Gerardus 't Hooft, mac a pheathar, an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1999 cuideachd.[5]
Urraman
deasaichBhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1953 airson a chuid obrach air maicreasgopachd ìrean-iomsgarach.[6] Dh'ainmich sgire an oilthigh ann an Groningen an a dhèidh (Zernike Campus)[7] a bharrachd air cruinn-shloc air a Ghealaich agus astaroid (11779 Zernike).[8]
Iomraidhean
deasaich- ↑ NNDB
- ↑ Anne Zernike
- ↑ DBNL
- ↑ Alle Groningers[dead link]
- ↑ UU
- ↑ Duais Nobel
- ↑ Zernike Campus
- ↑ NASA