Co-chomharran: 57°07′12″N 7°17′45″W / 57.120113°N 7.295872°W / 57.120113; -7.295872

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Marabhal (Beurla: Maraval).

Marabhal

Mullach na beinne le sealladh air Èirisgeigh.
Àirde (m) 162
Àirde (tr) 531
Àirde rinneach (m) 77
Màthair-mhullaich Ròineabhal
Suidheachadh
Marabhal is located in Alba
Marabhal
Marabhal (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N 453S)
Comharradh-clèithe NF796157

Suidheachadh

deasaich

Tha e suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Tha e na laighe mu leth-mhìle ear-thuath air Gleann Dail bho Dheas eadar an dà bheinn, Easabhal san iar agus Cruachan san ear. Tha Marabhal 162m (531 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an t-Sultain 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 77m a' sgaradh Marabhal bho na beanntan eile agus 's e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, le càrn a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. Tha Marabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

 
Sealladh air Marabhal bho Ghleann Dail bhon Dheas

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 13 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
  2. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)

Ceanglaichean a-mach

deasaich