Easabhal
Co-chomharran: 57°07′11″N 7°19′56″W / 57.119751°N 7.332314°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Easabhal, no Easaval, no Èiseabhal (fuaimneachadh na sgìre).
Easabhal | |
---|---|
Sealladh bho Pholl a' Charra air Easabhal | |
Àirde (m) | 243 |
Àirde (tr) | 797 |
Àirde rinneach (m) | 239 |
air liosta | Marilyn, HuMP |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N 453S) |
Comharradh-clèithe | NF773158 |
Suidheachadh
deasaichTha Easabhal suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Tha e na laighe eadar Loch Baghasdail sa tuath, Geàrraidh an Mònadh san iar agus mu mhìle (1.5km) air falbh bho Ludag sa deas. Tha Gleann Dail bho Dheas san ear-dheas. Gheibhear deagh shealladh bho mhullach na beinne air Èirisgeigh.
Gu ìre mhòir chaidh a' bheinn a chruthachadh à gneiss a tha còmhdaichte gu ìre le mòine. Deas air a' bheinn tha dìg a' chùl-chinn ann mu 9.2 meatair air fad leis an ainm "Leac Shleamhuinn" a tha clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.[1] Iar air Easabhal chithear cuaraidh a tha air an liosta seo cuideachd.[2]
Tha Easabhal 243m (797 troigh) de dh'àirde.[3] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Dàmhair 2001.[4] Tha an àirde rinneach de 239m a' sgaradh Easabhal bho na beanntan eile. 'S e Marilyn agus HuMP a th' ann. Air mullach na beinne chithear càirn mòr a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[3] Tha Easabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Canmore ID 334804” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Chèitean 2016.
- ↑ “Canmore ID 338168” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.
- ↑ 3.0 3.1 Hill Bagging Air a thogail 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Dealbhan
deasaich-
Mullach na beinne
-
Sealladh bho Easabhal air Èirisgeigh.