Co-chomharran: 57°06′24″N 7°15′34″W / 57.106738°N 7.259426°W / 57.106738; -7.259426

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Ròineabhal no Roneval.

Ròineabhal

Mullach na beinne
Àirde (m) 201
Àirde (tr) 659
Àirde rinneach (m) 152
air liosta Marilyn, HuMP
Suidheachadh
Ròineabhal is located in Alba
Ròineabhal
Ròineabhal (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF816140

Suidheachadh deasaich

Tha e suidhichte ann an Uibhist a Deas. Tha e na laige eadar Gleann Dail bho Dheas san iar agus Rubha Mealabhaig san ear ann an ceann a deas an eilein. Tha na beanntan Cruachan agus Hairtebreac faisg air. Iar-dheas air Ròineabhal tha creagan àrda ann ris an canar Rubha Mòr. San iar chithear càrn aig cois na beinne a tha clàraichte le Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar[1] agus leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. [2] Tha a h-uile coltas ann gun deach a thogail ann an Linn Ùr na Cloiche.[2]

Tha Ròineabhal 201m (659 troigh) de dh'àirde.[3] Tha e còmhdaichte le mòine agus gneiss. Air mullach na beinne chithear creag mu cheithir meatair air falbh bhon charragh triantanachaidh a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde.[3] Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. 'S e Marilyn agus HuMP a th' ann. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Dàmhair 2001.[4] Tha an àirde rinneach de 152m a' sgaradh Ròineabhal bho na beanntan eile. Tha Ròineabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Iomraidhean deasaich

  1. Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar: GORTAN, SOUTH UISTTeamplaid:Fix/category[dead link] (Beurla). Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2016
  2. 2.0 2.1 Canmore ID 10132(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2016.
  3. 3.0 3.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
  4. Database of British and Irish Hills”. Làrach-lìn. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).

Dealbhan deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich