’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Maol Chinn-Dearg. Tha e 981m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile. Tha beinn eile le ainm coltach ris, Maol Cheann-Dearg, eadar Achadh na Seileach agus Toirbheartan.

Maol Chinn-Dearg

Maol Chinn-Dearg bho thaobh an ear
Àirde (m) 981
Àirde (tr) 3,218
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Maol Chinn-Dearg is located in Alba
Maol Chinn-Dearg
Maol Chinn-Dearg (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Druim Deas Ghleann Seile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH03240878

Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 suas Druim Thollaidh. Bidh cuid ga cheangal le Aonach air Chrith, air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.

Iomraidhean

deasaich
  1. Druim Deas Ghleann Seile air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich