'S e beinn eadar Srath Carann agus Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann anm Maol Cheann-Dearg. Tha e 933 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Gleann Carrann agus Gleann Toirbheartan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air dath na beinne a gheibh i bhon Chlach-ghainmhich Thoirbheartanach às a bheil i. Tha beinn eile ann le ainm coltach ris, 's e sin Maol Chinn-Dearg, ann an Cinn Tàile. Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Na Cuileagan eadar Srath Carann agus Achadh na Seileach. Leanar an ceum a thèid a Thoirbheartan mus fàgar e gus dìreadh air a' bheinn. [1]. Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Toirbheartan, Beinn Eighe, Eilean Ratharsair, An t-Eilean Sgitheanach, A' Chomraich, Srath Carann, agus Loch Carrann.

Maol Cheann-Dearg

Maol Cheann-Dearg bhon taobh tuath
Àirde (m) 933
Àirde (tr) 3,061
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Maol Cheann-Dearg is located in Alba
Maol Cheann-Dearg
Maol Cheann-Dearg (Alba)
Suidheachadh Achadh na Seileach
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NG92454988

Iomraidhean

deasaich
  1. Maol Cheann-Dearg air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: