Manuel Azaña Díaz
B' e Manuel Azaña Díaz (Alcalá de Henares, 10 am Faoilleach 1880 - Montauban, (An Fhraing, 3 an t-Samhain 1940 [1]) fear-lagha, neach-poileataigs agus sgrìobhadair às an Spàinn. ‘S e Ceann-suidhe Dàrna Poblachd na Spàinne a bh' ann bho 1936 gu 1939. Bha e na fhear-poileataigs agus na òraidiche uabhasach cudromach, a-measg an fheadhainn na b' fheàrr na Spàinne san 20mh Linn co-dhiù, a bharrachd air a bhith gu math cliùiteach mar sgrìobhadair agus mar neach-aithris cuideachd. Choisinn e an Duais Nàiseanta an Litreachais (Spàinntis: Premio Nacional de Literatura) ann an 1926 airson an leabhair La Vida de Juan Valera (Gàidhlig: Beatha Juan Valera), ach ‘s e pìos dhràma La Velada en Benicarló (An Oidhche Bhàn am Benicarló), mu dheidhinn na Spàinne tro na 30an a th' ann an obair na b' ainmeile a sgrìobh e. ‘S e fear dhe na tobraichean eachdraidheil as fheàrr gus an linn sin a thuigsinn a th' ann an leabhar-latha aige.
Manuel Azaña Díaz | |||||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
14 dhen Ghiblean 1931 - 12 dhen t-Sultain 1933 ← Dámaso Berenguer, 1st Count of Xauen (en) - Juan José Rocha García (mul) →
10 dhen Iuchar 1931 - 5 dhen Lùnastal 1931 Sgìre: Baleares (en)
20 dhen Iuchar 1931 - 9 dhen Dàmhair 1933 Sgìre: Valencia (capital) (en)
14 dhen Dàmhair 1931 - 6 dhen t-Sultain 1933 ← Juan Bautista Aznar-Cabañas (en) - Alejandro Lerroux (mul) →
19 dhen Dùbhlachd 1933 - 7 dhen Fhaoilleach 1936 Sgìre: Vizcaya (capital) (en)
19 dhen Ghearran 1936 - 10 dhen Chèitean 1936 ← Manuel Portela Valladares (mul) - Santiago Casares Quiroga (mul) →
3 dhen Mhàrt 1936 - 2 dhen Ghearran 1939 Sgìre: Madrid (capital) (en)
10 dhen Chèitean 1936 - 3 dhen Mhàrt 1939 ← Niceto Alcalá-Zamora (en) - Francisco Franco →
10 dhen Chèitean 1936 - 3 dhen Mhàrt 1939 | |||||||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||||||
Breith | Alcalá de Henares, 10 dhen Fhaoilleach 1880 | ||||||||||||||||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||||||||||||||||
Bàs | Montauban agus An Fhraing, 3 dhen t-Samhain 1940 | ||||||||||||||||||
Àite-adhlacaidh | Montauban | ||||||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||||||
Athair | Esteban Azaña | ||||||||||||||||||
Cèile | Dolores Rivas Cherif (en) (27 dhen Ghearran 1929 - 3 dhen t-Samhain 1940) | ||||||||||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||||||||||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||||||
Foghlam |
Oilthigh Zaragoza licentiate degree in law (en) Oilthigh a' Mheadhain Doctorado en Derecho Real Centro Universitario Escorial-Maria Christina (en) | ||||||||||||||||||
Àrd-fhoghlam | Dotair Feallsanachd | ||||||||||||||||||
Cànain |
Spàinntis Fraingis | ||||||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, neach-lagha agus sgrìobhadair | ||||||||||||||||||
Àitichean-obrach | Madrid | ||||||||||||||||||
Gluasad | Ginealach 1914 | ||||||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | An Taobh Clì Poblachdail | ||||||||||||||||||
IMDb | nm0044140 | ||||||||||||||||||
Teaghlach
deasaichRugadh e ann an Alcalá de Henares, faisg air Madrid, ann an 1880. ‘S e an treas mac dhe ceathrar a bha aig Esteban Azaña Catarinéu agus María Josefina Díaz-Gallo Muguruza a bh’ ann. A bharrachd air a bhith na Phròbhaist, bha athair Mhanuel cuideachd na nòtaire agus na chlèireach, a sgrìobh leabhar eachdraidheil mu dheidhinn a’ bhaile, Historia de Alcalá de Henares (Eachdraidh Alcalá de Henares), ann an 1882. ‘S e neach-malairt beairteach à Escalada, faisg air Burgos, a bh' ann teaghlach a mhàthar. Dh’eug a phàrantan gu math òg agus thug bràthair-athar buaidh mhòr airsan, gu seachd àraidh taobh sgoilearachd is foghlam. Thug e ceum ann an Lagh bho Oilthigh Zaragoza, ann an 1898 agus fhuair e Dotaireachd ann an Lagh bho Oilthigh Central, ann am Madrid, ann an 1900. Bha e na oileanach san Oilthigh Pharas cuideachd, ann an 1911. Phòs e ri María Dolores Rivas Cherif, piuthar a dheagh charaid Cipriano Rivas Cherif, ann an 1929.
Litreachas
deasaichThoisich Azaña ri sgrìobhadh ann an 1897, nuair a stèidhich agus dheasaich e is a chuid charaidean iris air an robh Brisa del Henares (Oiteag an Henares). Bho 1901, sgrìobhadh e mu dheidhinn an Litreachais agus dràma san iris Gente Vieja (Daoine Aosmhor) ann am Madrid, fon ainm Salvador Rodrigo. Ann an 1903, b’ fheudar dha thilleadh gu Alcalá de Henares air adhbharan pearsanta, far an do sgrìobh e an nobhail La Vocación de Jerónimo Garcés (An Gairm aig Jerónimo Garcés) a thuilleadh air aithrisean san iris ionadail La Avispa (An Speach). Ann an 1911 sgrìobh e aithis neo dhà ann La Correspondencia Española (Co-sgrìobhachadh na Spàinne) an aghaidh Phío Baroja agus an ginealach dham bhuineadh e, leis nach robh iadsan idir airson a bhith an sàs ann an iomairt phoileatagach gus an Dùthaich a leasachadh. Ann an 1920 stèidhich e agus a charaid Rivas Cherif an iris litreachail La Pluma (Am Peann) agus ann an 1923 fhuair e cuireadh gus seann iris eile, air an robh España (An Spàinn), ath-bheòthachadh. Sgrìobh e La Vida de Juan Valera (Beatha Juan Valera) ann an 1926, a bhuannaich Duais Nàiseanta an Litreachais agus ann an 1927 dh’fhoillsich e El Jardín de los Frailes (Garradh nam Manach). Sgrìobh e pìos dhràma ann an 1929, air an robh La Corona (An Crùn). Deasbadadh e suidheachach na Spàinne tron obair aige. Ann an 1937 dheasaich e Cuaderno de La Pobleta. Memorias Políticas y de Guerra (Leabhar-latha Pobleta. Cuimhneachan poileataigeach a’ chogaidh) agus pìos Dhràma eile, La Velada en Benicarló (An Oidhche Bhàn am Benicarló), ri linn a’ Chogaidh Shìobhalta.
Poileataigs
deasaichGed an do bhuineadh e do theaghlach nach b' e idir bochd, bha uidh mhòr aig Azaña ann an ceartas sòisealta bho chionn fhada air sgàth ’s gun d’fhuair e deagh oideachaidh bho bhràthair a mhàthar, Félix Díaz Gallo. Leughadh e mòran mu dheidhinn poileataigs na Frainge agus Shasainn na òganach cuideachd. Ann an 1900 fhuair e ballrachd Ateneo de Madrid, club deasbad le freumhan ann an saoghal beachd-smuainealas libearalach na Frainge, bho àm an t-Soillseachaidh, aig deireadh an 18mh Linn. Thoisich e ri òraidean poileataigeach a dhèanamh is e airson ceartas sòisealta a bhrosnachadh tro Shòisealachd san dùthaich aige fhèin.
Slàinte agus Bàs
deasaichChaochail Azaña thall thairis na fhògarrach ann an campa ann an taobh a deas na Frainge, nuair a bha e dìreach 60 bliadhna a dh’aois. Chan fhaodadh dhàsan a dhol air bàta gu ruige Meagsago ron an Dàrna Cogaidh air sàilleabh cho tinn ‘s a bha e, agus le sin bha e fhathast san Fhraing nuair a thug na Nàsaich ionnsaigh air an dùthaich sin as t-samhradh 1940. Dh’iarr na Faisistich Spàinnteach ceart ga thoirt air ais gu ruige na Spàinne Azaña, nuair a chuir an Gestapo an greim e. Bhàsaich e le tinneas cridhe agus an cnatan mòr ann am Montauban, air an 4mh latha dhen Shamhain 1940.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Témime, Emile (Arkheia, iris 19): “De l’exil à la mort : le désespoir d’Azaña,” ann an: Arkheia revue d‘ histoire. Air a thogail 17mh dhen Lùnasdal 2016.