Bha Magus Maximus (Macsen Wledig anns a’ Chuimris, mu 335 - 388) na cheannard air taobh an iar na h-Ìompaireachd Ròmanaich eadar 383 agus a bhàs anns a’ bhliadhna 388. Rugadh e sa Spàinn agus chaidh e a stèidheachadh mar ìompaire leis an arm fhad 's a bha e air dleastanas ann am Breatainn. Rinn e a’ chùis air a phrìomh nàmhaid Gratianus faisg air Pairios agus chaidh a mharbh ann am blàr ann an Lyons air an 25 Lùnasdal 383. Thog Magnus Maximus prìomh bhaile Augusta Treverorum (Trier anns a’ Ghearmailtis) agus bha e na Chrìosdaidh.

Magnus Maximus
Impire na Ròimhe


seanadair Ròmanach


Roman consul (en) Translate

Beatha
Ainm slàn Flavius Magnus Maximus
Breith Hispania (en) Translate, 335 (Gregorian)
Dùthaich An t-Seann Ròimh
Bàs Aquileia (en) Translate, 27 dhen Lùnastal 388
Nàdar a’ bhàis peanas bàis
Teaghlach
Cèile Elen Luyddog
Clann
Fine Theodosian dynasty (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Magnus Maximus air bonn-airgid

Magnus Maximus ann am beul-oideas na Cuimrigh

deasaich

A rèir faoin-sgeul Chuimrich bho na meadhan-aoisean, phòs Magnus Maximus Elen Luyddog, nighean Eudaf à sgìre Segontium, 's e sin an daingneach Ròmanach faisg air Caernarfon, agus tha fianais, gu ìre, gu bheil an sgeulachd seo fìor. A rèir faoin-sgeul Chuimris dh’fhàg na Ròmanaich a' Chuimrigh fichead bliadhna ron chòrr dhe Bhreatainn. A rèir sinnsireachd Chuimrich tha Naomh Peblig agus Owain fab Macsen Wledig nam mic aig Magnus Maximus agus Elen. Sgrìobh agus sheinn Dafydd Iwan òran ainmeil mu dheidhinn Mhagnus Maximus, ‘Yma o Hyd’.

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: