Co-chomharran: 57°10′45″N 5°58′06″W / 57.179300°N 5.968400°W / 57.179300; -5.968400

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Fada.[1] Tha e suidhichte anns an Eilean Sgitheanach. Tha e na laighe eadar na h-àiteachan far a b' àbhaist na bailtean croitearachd, Suidhisnis is Boraraig a bhith. Chaidh an dà bhaile fhalmhachadh aig àm nam fuadaichean. Tha Beinn Bhuidhe (287) san ear dheth.

Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Fada
Suidheachadh Loch Fada anns an Eilean Sgitheanach

Tha an loch seo cho mòr ri 2.2 ha (5.4 acair). 'S e 0.8 km (0.5 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 303 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 188 m (617 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1 km (0.6 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch Fada gu deas tro allt do Loch an Leòid.

Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch Fada agus mar sin chan rathaidean ann a leanas chun na locha seo.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG602168