Canar gur e Llyfr Du Caerfyrddin ([ɬivr diː kair'vərðin]; Cuimris) neo An Leabhar Dubh Carmarthen an làmh-sgrìobhainn as sine a chaidh a sgrìobhadh gu tur ann an Cuimris.[1]

Duilleag 1 bhon eagran Llyfr Du Caerfyrddin a rinn J. G. Evans ann an 1907. Tha an dealbh a' sealltainn 'Ymddiddan' (còmhradh) eadar Myrddin (Merlin) agus Taliesin.

An Leabhar

deasaich

Chaidh Llyfr Du Caerfyrddin a sgrìobhadh ro 1250 le aon sgrìobhaiche aig amannan eadar-dhealaichte sa bheatha.[2] Tha ainm an leabhair ceangailte le Priory of St. John the Evangelist and Teulyddog ann an Caerfyrddin (neo Carmarthen anns a' Bheurla), agus le dath dubh nasgadh an leabhair. Tha e an dràsta ann an Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh fon ainm NLW Peniarth MS 1.

 
Facsimile de dhuilleag Llyfr Du Caerfyrddin.

Chithear cruinneachadh de bhàrdachd às an 9mh - 12mh linn anns an leabhar seo, a ghabhas a-steach seòrsaichean bàrdachd diofraichte, mu chuspairean ceangailte ri creideamh no ris an t-saoghal, agus ruisg molaidh is caoinidh.

Tha duain fìor inntinneach ann a bheireas sealladh air cultar is dualchas Cuimreach a thaobh nan gaisgeach aca, an fheadhainn ceangailte ri Yr Hen Ogledd [ər ˌheːn ˈɔɡlɛð], ainm Chuimreach airson "Cumbria" neo "The Old North", agus gu h-àraid air na seann-sgeulachdan mu Arthur agus Myrddin (neo Merlin sa Bheurla).

Tha an dà rosg 'Yr Afallennau' and 'Yr Oianau' ag innse dhuinn mun àm nuair a bha Merlin a' bruidhinn ri craobh-ubhail agus muic ann an coille agus mun dàrna sealladh aige mun bhlàr eadar na Cuimrich is nan Normanaich ann an ceann a deas na Cuimrigh. Tha an duan "The Elegy of Gereint son of Erbin" ag innse dhuinn mun "Battle of Llongborth". Ged nach deach an t-àite ceart a lorg fhathast, tha iomradh ann gun robh Arthur an sàs anns a' bhlàr seo. Mar sin gheibhear tuairisgeul nas sine ann an Llyfr Du Caerfyrddin na a tha e aig an leabhar Historia Regum Britanniae sgrìobhte le Geoffrey of Monmouth.

A rèir William Forbes Skene (1809-92) 's e Llyfr Du Caerfyrddin aon de na "Four Ancient Books of Wales". Chan eil ach 54 duilleag air folio air fhàgail. Sin 108 duilleag gu lèir. Tha 39 dàin ann agus teacsa goirid.

Thathar dhen bheachd gun deach an leabhar a chlàradh airson a' chiad turais, nuair a d' fhuair Sir John Price of Brecon (1502-1555) e bho ionmhasair St Davids Cathedral, a fhuair e bho abaid Chaerfyrddin.

'S seo cuid de na dàin a tha ann an Llyfr Du Caerfyrddin:

  • Ymddiddan Myrddin a Thaliesin (còmhradh eadar Myrlin is Taliesin)
  • Còmhradh eadar a' bhodaig is an t-anam
  • Marbhrann airson Madog ap Maredudd (td. 1160)
  • Marbhrann Gereint mac Erbin
  • Englynion y Beddau

Tha neach-deasaiche den phàipear-naidheachd Carmarthen Journal a' cur an cèill gum biodh e na b' fheàrr, an leabhar a thaisbeanadh ann an Caerfyrddin fhèin, gus cothrom a thoirt do mhuinntir a' bhaile agus don luchd-turais a thig dhan baile an leabhar fhaicinn.

Faic cuideachd

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Daniel Huws, Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Llyfrau Cymraeg 1250-1400, Aberystwyth 1993).
  2. "The Black Book of Carmarthen". Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh. Retrieved 29.5.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)

Leabhraichean

deasaich
  • Alfred Owen Hughes Jarman (deas.): Llyfr Du Caerfyrddin. Caerdydd : Gwasg Prifysgol Cymru. (1982) ISBN 0-7083-0629-2. A diplomatic edition of the original text. (Beurla)
  • Pennar, Meirion: The Black Book of Carmarthen. Llanerch Enterprises. (1989) ISBN 0947992316. Ro-ràdh do na sgrìobhainn le eadar-theangachadh de chuid de na dàin. (Beurla)
  • Helmut Birkhan: Kelten. Versuch einer Gesamtdarstellung ihrer Kultur. Verlag der Österreichischen Akademie der Wissenschaften, Wien 1997, ISBN 3-7001-2609-3. (Gearmailtis)
  • Bernhard Maier: Lexikon der keltischen Religion und Kultur. Kröner, Stuttgart 1994, ISBN 3-520-46601-5. (Gearmailtis)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  • Llyfr Du Caerfyrddin aig Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh. Gheibhear dealbhan dathte Peniarth MS 1 an seo .
  • Llyfr Du Caerfyrddin aig Celtic Literature Collective. Cruinneachadh nan dàn gu lèir le eadar-theangachaidhean. Gheibhear an t-eadar-theangachadh a rinn Skene ann an 1848 an seo.
  • Evans, John Gwenogvryn. deis. Llyfr Du Caerfyrddin. (Pwllheli: 1906). An t-eagran gu lèir dhen Peniarth MS 1.