Leabhar Deathan Lios Mòir
'S e cruinneachadh de seann làmh-sgrìobhainnean a tha ann an Leabhar Deathan Lios Mòir (Beurla: Book of the Dean of Lismore). 'S ann air Seumas MacGriogair a tha an leabhar seo air ainmeachadh. Bha e na dheadhan ann an àrd-eaglais Lios Mòir aig an àm ud agus rinn e an cruinneachadh còmhla ris a bhràthair Donnchadh a bha na bhàrd.
Tha an leabhar a' gabhail a-steach teacsaichean ann an Gàidhlig, ann an Gaeilge agus ann an Beurla Ghallda, uaireannan ann an Laideann cuideachd. Chaidh iad a chruinneachadh eadar 1512 agus 1526 agus mar sin 's iad na sgrìobhainnean as sine ann an Gàidhlig na h-Alba.
Bàrdachd
deasaichA-measg sgrìobhadairean eile tha e a' gabhail a-steach bàrdachd bho:
- Aithbhreac inghean Coirceadail
- Aonghus Fionn
- Angus mac Cearbhaill Bhuidhe
- Cù-chonnacht mac Cearbhaill Bhuidhe
- Donnchadh Mòr
- Fionnlagh Ruadh
- Gofraidh Fionn
- Iseabail NicCailein
- Tadhg Camchosach
- Muireadhach Albannach
Tha an dàn A phaidrín do dhùisg mo dhéar a' nochdadh anns an leabhar seo.
Tùsan
deasaich- Bernhard Maier: Lexikon der keltischen Religion und Kultur. Kröner, Stuttgart 1994, ISBN 3-520-46601-5.
- Derick S. Thomson: The Companion to Gaelic Scotland. Blackwell Publishing, Oxford 1983, ISBN 0-631-12502-7, d:59-60
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Cruth didsiteach aig ISOS (ìomhaighean de na duilleagan)