La Palma (Cundinamarca)
La Palma
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Àirde | 1462m | ||||
Co-chomharran | 05° 21' 50' Tuath 74° 23' 35' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 191 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 9,918 (2005) | ||||
Dlùths | 51.93/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann La Palma. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,462m os cionn ìre na mara agus 150km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th’ ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 21˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1561.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 9,918 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 5,935, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin ‘s e pàtran àireamh-sluaigh traidiseanta a th’ ann am La Palma fhathast.
A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am La Palma, ach tha 3.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 79.9% dhe na daoine ann am La Palma leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 9.3% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Palma. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.