Kreminna
Kreminna Кремінна
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Luhanska Oblast | ||||
Sgìre | Sievierodonetskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 05 00' Tuath 32° 21 67' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 15.72 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 18,417 (2021) | ||||
Dlùths | 1,171.56/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 6454 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhanach faisg air Kramatorsk agus Luhansk anns An Ucràin a th' ann an Kreminna (Ucràinis: Кремінна). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Krasna, san roinn Luhanska Oblast. Tha 18,417 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680. Anns na 1740an, dh'fhosgladh mèinn iarainn sa sgìre, ach cha fhuaireadh a-mach na gu robh an iarann de chàileachd ìosal agus nach gabhadh e ri chleachdadh idir. A dh'aindeoin seo, bha gual san sgìre ach thoisich mèinnearachd guail anns na 1890an. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh feachdan Nàsach eadar 1942 agus 1943 ri linn An Dàrna Cogaidh, gus a bha i air a shaorachadh le feachdan an Airm Dheirg air 31 am Faoilleach 1943 an dèidh sabaid throm. Ann an 1991, thàinig Kreminna gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, thuit am baile gu aonadan Ruiseanach air 18 an Giblean 2022.[1] Rinn na Ruiseanaich fìor dhroch sgrios air a' bhaile, a bha air a mhilleadh gu buileach. Beagan sheachdainean roimhe sin, chaidh 56 seann daoine a mharbh ann an ionnsaigh le tancaichean air taigh-cùraim agus bha 15 eile air an toirt do bhruid.[2]
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kreminna a' bruidhinn (71,67%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (27,89%).[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kreminna on dàrna dhen 19mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Kreminna air thuiteam fad na 21mh Linn.
1885 | 1897 | 1939 | 1959 | 1970 | 1979 | 1989 | 2001 | 2005 | 2014 |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
4.213 | 6.004 | 14.753 | 25.938 | 25.463 | 25.525 | 27.686 | 24.447 | 22.858 | 20.137 |
Daoine Ainmeil
deasaich- Oleg Timoshenko (1932 - 2010). Ceòl-sgrìobhaiche agus neach-ealaine.