Kitty NicLeòid
B' e neach-ciùil agus seinneadar Gàidhlig a bh' ann an Kitty NicLeòid (1914 - 7 Cèitean 2000) .
Kitty NicLeòid | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 4 dhen t-Sultain 1914 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Bàs | 7 dhen Chèitean 2000 |
Foghlam | |
Foghlam |
Sgoil MhicNeacail Oilthigh Dhùn Èideann Sgoil Lìonail |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair agus neach-teagaisg |
Inneal-ciùil | guth |
Beatha
deasaichRugadh Kitty NicLeòid ann an 1914 anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair anns an arm. Bha a pàrantan à Leòdhas. Chuir Kitty seachad a h-òige ann an Nis. Chaidh Kitty do Sgoil Lìonail agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Dh'fhàg Kitty Leòdhas airson a dhol do dh'Oilthigh Dhùn Èideann.[1]
Bha an teaghlach air gluasad a Ghlaschu timcheall air 1941 agus bha Kitty agus a màthair a' teagasg sa bhaile. An dèidh bàs a màthar chaidh i a theagasg a Lodainn an Ear. Leig i dhith a dreuchd ann an 1974, 's rinn i a dachaigh ann an Ormiston.
Bha i pòsta dà uair, aig Murchadh MacIllFhinnein agus aig an Dotair Ernest Gregson. Cha robh teaghlach aice. Chaochail Kitty NicLeòid air 7 Cèitean, 2000.
Seinn
deasaichB' ann an Dùn Èideann ann an 1935 a choisinn Kitty a' chiad Bonn Òir aig Mòd ionadail. Choisinn i am Bonn Òir aig Mòd Inbhir Nis ann an 1936.
An dèidh sin bha Kitty a' seinn air feadh Bhreatainn, an àiteachan mar Lunnainn is Manchester, Obar Dheathain agus Dùn Èideann, còmhla ri cuid de phrìomh sheinneadairean an latha, leithid Coinneach MacRath agus Ailean MacIllEathain, Mairead NicDhonnchaidh agus Mairead NicAonghais. Ach cha b' e an stoidhle seinn a bha fasanta aig an àm as an robh ùidh aig Kitty. B' fheàrr leatha òrain a bhuineadh dhan fhìor dhualchas. Bha i air mòran òran ionnsachadh bho a màthair agus bho piuthar a' mhàthar agus bho charaidean ann am Barraigh. A dh'aindeoin an fhèill a bha oirre, agus a dh'aindeoin a bhith gabhail pàirt ann an fìolmaichean leithid Rob Roy, sguir Kitty a sheinn air àrd-ùrlar.
Bho àm gu àm thairis air bliadhnaichean chlàr i òrain do Pharlophone, dhan BhBC, do Sgoil Eòlais na h-Alba agus do Ghaelfonn. Ann an 1943, chaidh a clàradh airson a' phrògram TBh 'The Western Isles'.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Kitty NicLeòid aig Bliadhna nan Òran
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- Kitty NicLeòid aig Bliadhna nan Òran.
- Kitty NicLeòid[dead link] aig Tobar an Dualchais
- BBC Naidheachdan 2022-03-28: Kitty NicLeòid (aithris-bhideo 8:04 — airson mìos eachdraidh nam ban)