Sgoil Eòlais na h-Alba
Chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba (Beurla: School of Scottish Studies, Albais: Scuil o Scots Studies) a chur air bonn sa bhliadhna 1951 mar aonad co-cheangailte ri Oilthigh Dhùn Éideann. Rinn i torr mór bhon uair sin airson beul-aithris agus ceòl tradiseanta na h-Albann a ghléidheadh, an dà chuid Gàidhlig agus Albais. Chaidh cuid mhór den obair chlàraidh a rinn Sgoil Eòlais na h-Alba a ghléidheadh ann an cruth didsiteach anns aʼ phròiseact Tobar an Dualchais.
Tha tasglann aig aʼ Sgoil de barrachd is 9000[1] clàraidhean de cheòl traidiseanta, òrain agus beul-aithris. Chaidh an tasglann a thòiseachadh le Calum Iain MacGillEathain, bràthair aʼ bhàrd Somhairle MacGill-Eain, agus leis aʼ bhàrd, sgrìobhaiche agus cruinniche beul-aithris Hamish Henderson. Rinn iad co-obrachadh leis aʼ chruinniche Aimeirigeanach Alan Lomax, a bhrosnaich obair na Sgoile.[2][3]
Bha Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach bho Uibhist a Tuath ag obair aig an Sgoil bho 1962 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1994, agus chruinnich e barrachd is 800 téipichean de sgeulachdan agus beul-athris. Ann an 1966 chuir e Tasglann nan Sgeul air bhonn. Bho 1984 gu 1995, dhʼobraich an sgrìobhaiche, seinneadair, agus cruinniche Mairead Bennett dhan Sgoil.[4] Ann ann 2012 chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhualachadh air Mòrag NicLeòid a bha ʼna neach-rannsachaidh sa Sgoil fad dà-fhichead bliadhna.[5]
Bha ceangal eadar an taigh-òsta Sandy Bells agus Sgoil Eòlais na h-Alba.
Daoine a bha ag obair ann
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ School of Scottish Studies Archives air a tharraing 2013-05-07
- ↑ Oral History, Vol. 2, No. 1, (Spring, 1974), p62.
- ↑ The Gatherer of Songs, 2002, Tom McKean
- ↑ A Chat with Margaret Bennett, Frank R. Shaw
- ↑ Stornoway Gazette air a tharraing 22 Lùna. 2013