John Bauer
B' e peantair ainmeil às An t-Suain a bh' ann an John Albert Bauer (Jönköping, 4 an t-Ògmhios 1882 - Vättern, 20 an t-Samhain 1918).[1] B’ ann à Bayern shìos sa Ghearmailt a bh’ ann athair, a ràinig An t-Suain nuair a bha e gu math bochd is cha robh fiù ’s sgillinn ruadh aige. A dh’aindeoin sin, dh’fhosgail e bùth.[2] Chuir Bauer seachad na bliadhnaichean bho 1900 gu ruige 1903 na oileanach san Kungliga Akademien för de Fria Konsterna: cha d’ fhuair ach triùir a-steach sa bhliadhna sin: Ivar Kamke, Pontus Lanner agus Bauer fhèin, leis cho tàlantach 's a bha iad.[3] Phòs e aig Ester Ellqvist ann an 1906, a bha na neach-ealain cuideachd. Chaidh Bauer a bhàthadh leis an teaghlach aige nuair a chaidh am bàta’aiseig Per Brahe fodha air Loch Vättern ann an 1918.[4]
John Bauer | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Parraiste Kristina agus Jönköping, 4 dhen Ògmhios 1882 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs |
Vättern (en) ![]() ![]() |
Àite-adhlacaidh |
Eastern Cemetery (en) ![]() |
Nàdar a’ bhàis |
accidental death (en) ![]() ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Joseph Bauer |
Màthair | Emma Charlotta Bauer |
Cèile |
Ester Ellqvist (en) ![]() |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Suainis |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair agus dealbhadair |
Obraichean comharraichte |
The Princess and the Trolls (en) ![]() |
Buaidh |
Albert Engström (en) ![]() ![]() |
![]() |
Gailearaidh
deasaich-
Gobhair na Nollaig
-
Seo àite beag nan trobhaichean nach lorgas duine sam bi ach mise
-
Bana-phrionnsa Tuvstarr a' coimhead air uisgeachan domhain lochan na coille
-
Trobhaichean le bana-phrionnsa fo bhrùid
-
Dùisg a Ghróa, dùisg a mhàthar
-
Fèin-dhealbh
-
Freja
-
Oidhche na Nollaig
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Andersson, Mats; Söderlind, David (2011). John Bauers skogar, Jönköping, Concrete. ISBN 978-91-633-8501-8
- ↑ Jönköpings Läns Museum
- ↑ Lindqvist, Gunnar (1979). John Bauer, Stockholm: Liber Förlag. ISBN 91-38-04605-9
- ↑ Olenius, Elsa, ed. (1966). John Bauers sagovärld: en vandring bland tomtar och troll, riddare och prinsessor tillsammans med några av våra främsta sagodiktare, Stockholm: Bonnier. ISBN 91-0-030396-8