Iain Frangan Caimbeul
B' e deasaiche agus sgoilear beul-aithris a bh' ann an Iain Frangan Caimbeul no Iain Òg Ìle (Beurla: John Francis Campbell) (Dùn Èideann, 29 an Dùbhlachd 1821 – Cannes, 17 an Gearran 1885). Is esan a dheasaich na leabhraichean ainmeil 'Sgeulachdan Gaidhleach' no Popular Tales of the West Highlands (1860-62). Bha e na bhàiristear, àrd-sheirbheiseach catharra, chùirtear, innleachdair agus neach-siubhail. Bha e air leth mair air cànain ionnsachadh agus a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig, bha Danmhairgis, Nirribhis, Suainis, Gearmailtis, Eadailtis, Spàinntis agus Sàmais aig Iain Frangan Caimbeul.
Iain Frangan Caimbeul | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ìle, 29 dhen Dùbhlachd 1821 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Cannes, 17 dhen Ghearran 1885 |
Àite-adhlacaidh | Cannes (Grand Jas) Cemetery (en) |
Teaghlach | |
Athair | Walter Frederick Campbell |
Màthair | Lady Eleanor Charteris |
Foghlam | |
Foghlam | Colaiste Eton |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair, sgrìobhadair litreachas cloinne, collector of fairy tales (en) , sgrìobhadair agus barastair |
Na Caimbeulaich ann an Ìle
deasaichAnn an 1726, cheannaich fear Daniel Caimbeul Ìle agus rè 120 bliadhna, bha na Shawfield Campbells nan tighearnan ann an Ìle.[1] Bha athair Iain, Walter Frederick Campbell, a chuir air bhonn bailtean ann an Ìle: chaidh Port Ellen stèidheachadh ann an 1821 agus chaidh am baile ainmeachadh air a bhean, Eleanor, nighean 8mh Iarla Wemyss. Chaidh Port Charlotte stèidheachadh ann an 1829, agus chaidh am baile ainmeachadh air a mhàthair, Charlotte. Lean dà bhaile eile: Kiells (1829) agus Port Wemyss (1833). Nuair a rugadh e, bha Iain Frangan na thighearna dualach Ìle, ach dh'fheumadh a athair Ìle reic nuair a bha e air briseadh, ach bha Iain fhèin glè mheasail air Ìle co-dhiù.[1]
Beatha
deasaichRugadh Iain Frangan Caimbeul ann an Dùn Èideann. Chaidh e dhan sgoil aig a' cholaiste Eton agus an uair sin don Oilthigh Dhùn Èideann. B' àbhaist dha a bhith a' siubhal gu tric. Eadar 1860 is 1880, bha e na chùirtear aig lios rìoghail bànrigh Victoria, aig Windsor agus aig Osborne House. Chaochail e anns An Fhraing ann air 17mh latha an Gearrain ann an Cannes, agus chaidh a thìodhlachadh ann an Cannes cuideachd.
Sgrìobhaidhean
deasaich- Popular Tales of the West Highlands: orally collected with a translation, Vol.I. Edinburgh: Edmonston and Douglas, 1860. Lethbhreac ri fhaighinn saor an-sgaidh aig archive.org
- Popular Tales of the West Highlands Vol. II
- Popular Tales of the West Highlands Vol. III
- Popular Tales of the West Highlands Vol. IV
- Leabhar na Fèinne (1872)
- The Celtic Dragon Myth
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Casey, Dan. "John Francis Campbell." Islay Info. Nochd an aiste anns an iris Ìleach an toiseach.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- encyclopedia.jrank.org
- A Short Biography of John Francis Campbell
- An Article on John Francis Campbell's Life
- Taisbeanadh SGEUL aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba – léirmheas aig Petra Johanna Poncarová, 2023-10-13
Faic cuideachd
deasaich