Jean Calvin
B' e pears'-eaglais agus ceannard anns an Ath-Leasachadh a bha ann an Jean Calvin neo Iain Calvin (10 an t-Iuchar 1509–27 an Cèitean 1564). Is esan a stèidhich an sgoil-diadhaireachd Calbhanaich. Bha e na mhac Gérard Cauvin. Fhuair e a chuid fhoglaim ann an Oilthigh Orléans agus an Oilthigh Bourges. Sgrìobh Calvin an leabhar Institutio Christianae religionis ann am Basel, An Eilbheis. Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan. Ann an 1542 dh'fhoillsich e an leabhar-cheist Le catéchisme de l'Église de Genève. Chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus nochd e ann an clò, an dàrna leabhar a chaidh fhoillseachadh riamh ann an Gàidhlig, mar Adtimchiol an chreidimh comhaghalluidhedar an maighiser, agas an foghluinte ann an Dùn Èideann le John Wreittoune ann an 1631. Faodar leth-bhreac a' leughadh air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[1] Stèidhich e Oilthigh Geneva ann an 1559 mar sgoil-diadhaireachd Phròstanach.[2]
Jean Calvin | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Jehan Cauvin |
Breith | Noyon, 10 dhen Iuchar 1509 |
Dùthaich |
Rìoghachd na Frainge Poblachd Geneva (1559 - |
Ciad chànan | Fraingis |
Bàs | Geneva, 27 dhen Chèitean 1564 |
Àite-adhlacaidh | Cemetery of Kings (en) |
Nàdar a’ bhàis | (sepsis (en) ) |
Teaghlach | |
Athair | Gérard Cauvin |
Cèile | Idelette Calvin (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Collège de la Marche (en) Seann-oilthigh Orléans Oilthigh Bourges Collège de Montaigu (en) Oilthigh Orléans |
Oileanaich dotaireachd |
Franciscus Junius (en) Lambert Daneau (en) |
Cànain |
Laideann Fraingis Meadhan-Fhraingis Gearmailtis |
Luchd-teagaisg |
Melchior Volmar (en) Andrea Alciato (en) Corderius (en) |
Oileanaich | Franciscus Junius (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | aoghaire, Protestant reformer (en) , diadhair, neach-lagha agus sgrìobhadair |
Àitichean-obrach | Geneva agus Strasbourg |
Obraichean comharraichte | Institutes of the Christian Religion (en) |
Buaidh | Naomh Augustine à Hippo agus Martin Luther |
Creideamh | |
Creideamh | Calbhanachas |
Aistean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ “Books and other items printed in Gaelic from 1631 to 1800 > 1631 - John Calvine's catechisme/Adtimchiol an chreidimh comhaghalluidhedar an maighiser, agas an foghluinte”. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2018.
- ↑ Persée