'S e pròiseas airson amòinia a shaothrachadh a tha anns a' phròiseas Haber. Thionnsgail Fritz Haber e ann an 1909 còmhla ri Robert Le Rossignol.[1]

Seann readhactar airson a' phròiseis Haber ann an Karlsruhe.

Eachdraidh

deasaich

Ann an 19mh linn thàinig naidhtreatan agus amòinia airson stuth-spreadaidh agus stuth-mathachaidh à guano, no buachar nan eòin, ann an Ameireaga a Deas. Bha còmhdhail nan naidhtreatan glè chunnartach agus spreadh longan tric is minig nuair a ghabh iad air sgeirean agus creagan.

Rinn Haber agus Le Rossignol innealachd a dh'obair ann an obair-lann. Ghabh i naitridean às an adhair. Chleachd i osmium sa' chatailis ach an-dràsta chleachd co-thàthaidhean iarainn air sgath 's gu bheil osmium glè thearc. Thionnsgail Carl Bosch am pròiseas gnìomhachail aig BASF.

Ceimigeachd

deasaich

'S e an iom-obrachadh a tha ann an seo:

N2 + 3 H2 → 2 NH3   (ΔH = −92.4 kJ mol−1)

Tha an haidridean a' dol à gas nàdarra agus tha an naitridean a' dol às an adhair. Tha an suidheachadh-iom-obrachadh 400–500 °C de theothachd agus 15–25 MPa de bhrùthaidh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dronsfield, Alan (1d dhen Chèitean 2007): “Who really discovered the Haber process?,” ann an: Education in Chemistry. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2019.