Härnösand
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Ångermanland
Sgìre Västernorrlands län
Co-chomharran 62° 38 00′ Tuath
17° 56 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 10.89 km²
Àireamh-shluaigh 17,556 (2010)
Dlùths 1,612.12/km²
Àireamh fòn (+46) 0611
Duilleag oifigeil http://www.harnosand.se/

‘S e baile meadhanach agus port faisg air Timrå, anns An t-Suain, a th’ ann an Härnösand. Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha air a' Bhottenhavet: caolas eadar Härnön agus tìr mhòr na Suaine, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Gävle agus Umeå, anns an sgìre Västernorrlands län,[1] 367km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 309km bho Uppsala agus 639km bho Ghöteborg. Tha 17,556 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1585.

Freumhan an ainm

deasaich

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à sund (Gàidhlig: caol) ann an Suainis a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Caolas an Eilein Härnön dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Chaidh an t-ainm a chlàradh mar Hernøsundh 1374 agus Hærnesand 1478.

Eachdraidh

deasaich

Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt ann an 1584[4] agus ann an 1592, thogadh eaglais san aon àite far a bheil an Àrd-eaglais an latha an-diugh (a chaidh a thogail ann an 1846). Rinn teine sgrios agus milleadh air a' bhaile ann an 1710. Ann an 1721, chuir Arm na Ruise am baile na smàl, tro Chogadh an Tuath nuair a bha Peadar Mòr a' toirt ionnsaigh air an t-Suain. Bha teine eile ann an 1877. B' ann an seo a fhuair Anders Jonas Ångström a chuid sgoile. Chuireadh siostam solas-dealain air dòigh an seo ann an 1885, airson a' chiad turais san Roinn-Eòrpa.

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Michelin
  2. SCB
  3. Ortsnamn i Ångermanland
  4. Murberget
  5. Levandmusikarv

Ceanglaichean a-mach

deasaich