Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an gualan,[2] no carbon[3] le samhla C agus àireamh atamach 6. 'S e an siathamh eileamaid air a' chlàr pillteach agus is e neo-mheatailt a th' ann. Is e an ceathramh eileamaid nas cumanta anns a' ghrian a tha ann an carbon.[4]

Gualan
Graifit agus daoimean
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla C
Àireamh 6
Buidheann 14
Ùine 2
Bloca p
Seòrsa Neo-mheatailtean
Buadhan stuthach
Dath Gun dath / Dubh
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 12.0096–12.0116 [1]
Comh-dhealbhadh atamach [He] 2s2 2p2
Cor ogsaideachaidh –4, 0, +2, +4
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1086.46
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 2352.65
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 4620.50

Cruthan

deasaich

Bidh gualan a' nochdadh ann an dà dhòigh gu nàdarrach, graifit is daoimean.

Ann an daoimeanan tha a h-uile atam gualain ceangailte ri ceithir ataman eile ann an structar ceithir-shliosnach agus sin as coireach tha daoimeanan glè chruaidh. Chan eil eileagtronan saor ann agus mar sin 's e còmhdach-dealain a tha anns an daoimean. Cruaidh is gu bheil daoimean, tha graifit maoth is e co-dhèanta a fhillidhean anns a bheil a h-uile atam ceangailte ri trì ataman eile is eileagtron saor aig gach atam. 'S urrainn do na fillidhean a shleamhnachadh air muin a chèile is sin as coireach tha e maoth is 's e stuth-giùlain a tha ann air sgàth nan eileagtronan saora.[5]

Tha e ri fhaotainn cuideachd gu innealta ann an cruth air a bheil fullerene a chaidh a lorg ann an sùith ann an 1985 aig Oilthigh Rice le Harry Kroto, Richard Smalley is Robert Curl. 'S ann a mhoileciuilean cruinn a tha na fullerenes co-dhèanta, mar as àbhaist 60 ataman.[6]

Eachdraidh shaidheansail

deasaich

Ann an 1772, dhearbhaich Antoine Lavoisier gur an aon rud a bha ann daoimean agus gual-fhiodha. Ann an 1779, dhearbhaich Carl Wilhelm Scheele gur an aon rud a bha ann graifit agus gual-fhiodha. Ann an 1789, liostaich Antoine Lavoisier carbon mar eileamaid.

Cleachdaidhean

deasaich

Tha gualan ga chleachdadh airson lùtha, mar eisimpleir o ghual no bho ghual-fhiodha. Chan eil mòran achaidhean-guail air a' Ghàidhealtachd seach aon faisg air Machaire Shanais a dhùin ann an 1967[7] agus fear eile ann am Brùra a dhùin ann an 1974.[8]

Tha tasgadh nàdarra de ghraifit ann am Borrowdale, Cumbria. Chaidh an graifit seo a chleachdadh airson caoraich a chomharradh agus molldairean mus deach gnìomhachais peansail a stèidheachadh air anns an 19mh linn.[9]

Iomraidhean

deasaich
  1. Atomic weights of the elements 2019”. Commission on Isotopic Abundances and Atomic Weights. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.
  2. Dictionary Detail - carbon”. Am Faclair Beag. Air a thogail 29mh dhen Chèitean 2017.
  3. carbon”. An Seotal. Air a thogail 29mh dhen Chèitean 2017.
  4. Emsley, John (2001): Nature's Building blocks. Oxford University Press. ISBN 0-19-850341-5. 
  5. Diamond and Graphite - Giant covalent substances”. BBC Bitesize. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.
  6. Legon, Anthony C. (2017): “Sir Harold Walter Kroto. 7 October 1939 — 30 April 2016,” ann an: Biographical Memoirs of Fellows of the Royal Society, leabhar 63, td. 413-442. doi:10.1098/rsbm.2017.0003. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.
  7. Argyllshire Coal”. Northern Mine Research Society. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.
  8. Brora Coalfield”. Northern Mine Research Society. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.
  9. Cool Graphite | Borrowdale, Lake District”. British Geological Survey. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: