Grigory Zinoviev
B' e cleasaiche, rèabhlaideach, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach Ucràineach/Sobhiatach a ghabhadh ri co-mhaoineas agus stalineachd a bh' ann an Grigory Yevseyevich Zinoviev air neo Ovsei-Gershon Aronovich Radomyslsky (Fìor ainm: Hirsch Apfelbaum, Ucràinis: Зінов'єв Григорій Овсійович, Kropyvnytskyi, 23 an t-Sultain 1883 - Mosgo, 25 an Lùnasdal 1936).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Iùdhach agus cha d' fhuair e ach am foghlam a ghabhadh e aig an taigh, ged a leughadh e feallsanachd, eachdraidh agus litreachas. Seann Bholshevik, bha e uabhasach fhèin dlùth air Vladimir Lenin. Chuir e seachad trì bliadhna thall san Eilbheis agus thill e dhan Ruis ann an aon trèana na Lenin fhèin. An dèidh na rèabhlaide bha e na chathraiche air an t-Sobhiet ann an Leningrad agus na Comintern. Chanadh Zinovievsk ri Kropyvnytskyi, am baile aige fhèin, bho 1924 gu ruige 1934, mar urram airsan. An dèidh bàs Lenin, b' e Zinoviev, Stalin agus Lev Kamaniev a riagladh na dùthcha gus an deach Stalin a-mach air Zinoviev agus Kamaniev. Chuir an NKVD Zinoviev gu bàs sa phrìosan ri linn na Purgadaireachd Stalin.[2]