Gravina in Puglia
Gravina in Puglia | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Eadailt |
Ceàrn | Puglia |
Co-chomharran | 40° 49 14' Tuath 16° 25 24' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 381.30 km² |
Àireamh-shluaigh | 44,317 (2012) |
Dlùths | 116.23/km² |
Àireamh fòn | +39 0800 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach ann an ceann a deas na h-Eadailt a th’ ann an Gravina in Puglia (Puglis: Gravìne, Laideann: Silvium, Greugais: Σιλούϊον). Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Gravina, aig 386m os cionn ìre na mara,[1] eadar Altramura agus Irsina. Tha am baile am broinn na sgìre (Eadailtis: Provincia) Bari, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Puglia, 350km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 781km bho Mhilano, 630km bho Phadova, 537km bho Fhirenze agus dìreach 32km bho Spinazzola.[2] Tha 44,317 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Chaidh Gravina in Puglia a stèidheachadh leis na Seann Ghreugaich ach s'ann às na Tormodaich a th'ann an t-àinm, bhon Ghearmailtis graben (clach) neo bhon Laideann graba. Tha prìomh oifisean Pàirce Nàiseanta Altamurgia anns a' bhaile[4] Sgrìobh an Righ Freadaraig II mun bhaile: Bheir baile beairteach Gravina gràn agus fìon...garradh tlachdmhor.[5] Bhuineadh am baile seo do Rìoghachd Napoli ro aonadh na h-Eadailt.
Daoine Ainmeil
deasaich- Pietro Francesco Orsini (1650 – 1730): Pàp bho 1724 gu ruige 1730.
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas Sluaigh na h-Eadailt
- ↑ Parco Altamurgia
- ↑ Grana dat et vina, urbs opulenta Gravina... hortus deliciarum...