Tha an SQA (Gàidhlig: Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba, Beurla: Scottish Qualifications Authority) os cionn dheuchainnean agus theisteanasan ann an Albainn, aig ìre àrd-sgoile agus foghlam adhartach, agus cuideachd cuid de theisteanasan proifeiseanta. Chaidh a chruthachadh nuair a thàinig an Scottish Exam Board agus Scotvec còmhla sa bhliadhna 1997. Tha iad a' foillsicheadh Gnàthachas litreachaidh na Gàidhlig agus 's e Boyd Robasdan a tha os cionn Panal Gàidhlig an SQA. Bidh an SQA a' co-obrachadh le tòrr bhuidhnean eile mar Riaghaltas na h-Alba, an EIS agus GTCS.

Ceanglaichean a-mach deasaich