Iain A. MacDhòmhnaill
Dh'obair Iain A. MacDhòmhnaill (1920–1980[1]) (Beurla: John ('Jake') A. Macdonald) ann am foghlam Gàidhlig. Sgrìobh agus dheasaich e mòran theacsaichean cuideachd.
Iain A. MacDhòmhnaill | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Camas Tianabhaig, 1920 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1980 |
Foghlam | |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-teagaisg agus ùghdar |
Fastaichean | Colaiste Chnoc Iòrdain |
Beatha
deasaich'S e a shloinneadh Iain Sheòruis Mhóir.[1] Rugadh e ann an Camas Tianabhaig, An t-Eilean Sgitheanach.[1]
Obair
deasaichB'e Ceannard Roinn na Gàidhlig aig a' cholaiste Cnoc Iòrdain, Glaschu a bha ann suas gu 1978.[1] Bha e air a' chomataidh a sgrìobh a' chiad aithisg ann an 1980 air Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig no GOC.
Sgrìobh e cùrsa do luchd-ionnsachaidh a nochd ann an Gairm leis an tiotal 'A New Course in Gaelic'. [2]
Dheasaich Iain A. MacDhòmhnaill an leabhar Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm a chaidh fhoillseachadh le Gairm ann an 1958.
Clàr-leabhraichean
deasaich- MacDhòmhnaill, Iain A. (1980). 'Blar a’ Chumhaing agus Cor nan Croitearan 1882-1883', ann an Oighreachd agus Gabhaltas, deas. Dòmhnall MacAmhlaigh. Obar-Dheadhan: Roinn an Fhoghlaim Cheiltich Oilthigh Obar-Dheadhan. dd. 12-22. (mu ‘Bhlàr a’ Bhràighe’ mar as aithnichear sa Bheurla a-nis)
Deasaiche
deasaich- MacDhòmhnaill, Iain A. (deas.) (1958) Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm, air a chur ri chèile (Glaschu: Gairm)
- Grannd, D. (1971) Tìr an Aigh: taghadh de na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall Grannd Iain A. MacDhòmhnaill (deas.) (Glaschu: Gairm)
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
deasaich- 'An Aithne Dhuibh...?' Gairm 12, 1955, d.315.