Funza
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Àirde 2548m
Co-chomharran 4° 43' 0 Tuath
74° 13' 00 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 70 km²
Àireamh-shluaigh 61,380 (2005)
Dlùths 876.86/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Fhunza

'S e fear dhe na 116 bailtean ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia. Tha e suidhichte anns an sgìre Sabana Occidente aig 24km bho Bhogotá. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.

Tha am facal Funza a’ ciallachadh fireannach neartmhor is 's e facal Tùsanach a th' ann. Tha am baile am broinn a’ Cheàrn chathaireil Bhogotá, a-rèir a’ chunntas-sluaigh 2005. 'S e Funza an 68mh baile as motha na dùthcha.[2]

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 61,380 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,270 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Funza (is mòran dhuibh mestizos), tha 0.2% dhe Tùsanaich agus tha 0.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 95% dhe na daoine ann an Funza leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 64.2% dhe na dachannan.[5]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Funza. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

deasaich

Chaochail Diego Lemos an seo ann an 1908

Turasachd

deasaich
  • Obair-ciùird: Clò ann an olann ùr agus crochet, slapagan cruthaichte air seann bhòtannan agus rudan glainne.
  • Seipeil an Naoimh Mhàrtainn
  • Talla a' Chultair
  • Àros Catama
  • Àros Ramada
  • Boglaichean Gualí
  • Taigh-tasgaidh a’ Pharraist

Ciamar a ruigeas tu

deasaich
  • Bho Bhogotá: Aig stèisean 80 an TransMilenio, thoir am bus dùthchasail. Tha busaichean dùthchasail eile rim faotainn ann an Avenida Centenario aig Avenida de Las Américas cuideachd.
  • Bho Bhogotá tro Fhontibón: Thoir am bus ann an Avenida Centenario aig Avenida Boyacá.

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa na Roinne
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Cololmbia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: