Focșani
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Vrancea
Co-chomharran 45° 41 37' Tuath
27° 11 09' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 48.15 km²
Àireamh-shluaigh 79,315 (2011)
Dlùths 1,647.25/km²
Àireamh fòn +40 02 37
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Buzău agus Bârlad, air an àirde an ear-dheas Romàinia a th' ann am Focșani (IPA: ˈfokˈʃanʲ, Iùdais: פוקשאן). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Milcov, aig 55m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Vrancea. Tha 79,315 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh deasaich

'S ann às an t-sloinneadh Focșa agus an t-iar-leasachan Romàinis -ani 's a th'ann an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1575. Thug feachdan na Ruise agus na h-Ostaire ruaig air arm Impireachd nan Otomanach aig Blàr Focșani, air 1 an Lùnasdal 1789.[2] Chumadh maragaidh an seo anns na meadhannan aoisean leis gu robh am baile ri taobh nan crìochan eadar Moldobha agus Țara Românească. Chaill mu 2,200 am beatha san latha fuilteach 's a bha siud. Chaochail an ceimeagair Gearmailteach Eduard Buchner an seo ann an 1917, agus esan na shaighdear sa Chogadh Mhòr.[3] Chumadh co-labhairt Sionach ann am Focșani ann an 1881, sia bliadhna ron a' chiad co-labhairt Sionach eadar-nàiseanta. Thus an tachartas seo buaidh làidir air Iùdhaich ann an Romàinia. Thuit Focșani gu feachdan Aonaidh Sobhiataich air 27 an Lùnasdal 1944.

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Institutul Național de Statistică
  2. Jacob F. Field, "Focsani, 1 August 1789", 1001 Battles that Changed the Course of History, Universe Publishing, Eabhraig Nuadh, 2011.
  3. Duais Nobel
  4. Günther Nenning: Biographie Carl Grünberg, Archiv für die Geschichte des Sozialismus und der sozialen Bewegung, Indexband, Graz, 1973.