Fionn Bheinn
'S e beinn faisg air Achadh na Sìne air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Fionn Bheinn. Tha e 933 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Achadh na Sìne agus Loch Fanaich. 'S e aon de na Fanaichean a th' ann, ach 's e an aon fhear dhiubh a tha air taobh deas Loch Fanaich. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air dath fionn an fheòir a tha nas soilleire an seo na tha e air beanntan eile san sgìre.[1] Ge-tà, tha coire mòr, An Toll Mòr, san ear den mhullach a bheir cruth inntinneach don bheinn.
Fionn Bheinn | |
---|---|
Fionn Bheinn agus an Toll Mòr | |
Àirde (m) | 933 |
Àirde (tr) | 3,061 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Achadh na Sìne |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH14786213 |
Thathar ag ràdh gur e beinn a th' ann a tha ga dhìochuimhneachadh gu tric, agus nach eil e cho tarraingeach is a tha beanntan eile san sgìre[2]. Gus a' bheinn seo a shreap, bithear mar as trice a' tòiseachadh ann an Achadh na Sìne. Tha e ro fhada air falbh bho Beanntan Rothaich eile gus an cheangal ri chèile ann an latha [3].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air na Fanaichean, Loch Fanaich, Loch Ma-ruibhe, beanntan Achadh na Seileach, Thoirbheartain agus Achadh an Iasgair.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991: Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust.
- ↑ Fionn Bheinn air Walkhighlands
- ↑ [1]