Fèin-eachdraidh
'S e fèin-eachdraidh a tha air beath-eachdraidh a tha air a sgrìobhadh leis a' phearsa fhèin air a tha i a' gabhail tuairisgeul. Tha fèin-eachdraidh le Benjamin Franklin, Les Confessions (Faoisidean) le Jean-Jacques Rousseau no Leper's Bell (Clag an Lobhair) le Tormod MacGill-Eain am measg an iomadh eisimpleir.
Uaireannan, sgrìobh ùghdar nobhail le prìomh charactar ficseanail ach le feartan làidir den ùghdar agus a bheatha, m.e. David Copperfield le Charles Dickens.
Air an làimh eile, thathar fèin-eachdraidh uaireannan air a sgrìobhte le "bòcan-sgrìobhadair": mar eisimpleir, faodaidh neach-naidheachd "fèin-eachdraidh" de chluicheadair buill-choise a sgrìobhadh mar gum biodh i air a sgrìobhadh leis a' chluicheadair fhèin.