Elías (Huila)
'S e baile meadhanach faisg air Rivera ann an Huila,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Elías neo La Mesa de Elías. Tha e suidhichte 163km air falbh bho Neiva, prìomh-bhaile na roinne, anns na na h-Andes. Tha àirde meadhanach dhe 1,425m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 27˚ thar cheann, fad na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1830.
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Huila |
Domhan-leud is -fhad | 2°0′49″N 75°56′23″W |
Làrach-lìn | http://www.elias-huila.gov.co/index.shtml |
Freumhan an Ainm
deasaich'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann Elías à ainm.
Eachdraidh
deasaichChaidh an sgrìobhadair José Eustasio Rivera dhan sgoil San Luis Gonzaga ann an Elías.
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 1,103 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, tha 3,387 a' fuireach ann air fad, a’ gabhail a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Elías (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.1% agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.4% dhe na daoine ann an Elías leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 16.5% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Elías. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.