B' e sagairt a bh' ann an Eòghann MacEachainn (1769-1849) (Beurla: Ewen, Evan[1] MacEachen).

Eòghann MacEachainn
Beatha
Breith Àrasaig, 1769
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Valladolid sagartachd
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, sagart agus eadar-theangair

Rugadh MacEachainn ann an 1769 ann an Àrasaig.[2] Fhuair e foghlam ann an Valladolid, An Spàinn gus a bhith na shagart.[2]

An uair a thill e a dh'Alba rinn e obair ann an grunn àitichean. Thog e a' chiad chaibeal ann an Laggan. Bu esan an sagart ann am Bràigh Mhàrr fad fichead bliadhna.[2] Chaochail e aig Tobae, Gleann Lìobhait ann an 1849.[2]

Sgrìobhaidhean

deasaich

Tha MacEachainn aithnichte airson na sgrìobhaidhean a rinn air a' Ghàidhlig. Rinn e eadar-theangachaidhean air leabhraichean cràbhaich. Rinn e faclair Gàidhlig cuideachd a thàinig a-mach an clò ann an trì deasachaidhean.

Rinn e eadar-theangachadh air an Tiomnadh Nuadh a dh'fhàg e aig an t-Urramach Cailean Grannd, Srath Ghlais a rinn ùrachadh a bharrachd air agus dh'fhoillsich e ann an 1875.[2]

Am Faclair

deasaich

Chaidh a faclair fhoillseachadh 'son a' chiad uair ann an 1842 (ged a chaidh 1862 a chlò-bhualadh gu mearachdach air an leabhar fhèin).

Rinn MacEachainn taghaidhean air litreachadh na Gàidhlig a bha neo-àbhaisteach. Mar eisimpleir, litrich e gach facal a thòisicheas le sr mar str. Thug MacIlleBhàin & Whyte an atharrachadh sin a-mach às an fhaclair anns na deasaichean a rinn iad aig toiseach an fhicheadamh linn.[2]

Leabhraichean

deasaich
  • MacEachainn, Eoghan. 1826. Leanmhuinn Chriost’: air a Tionnadh o Laidinn, gu Gaidhlig (Peirt [Peairt]: Clo-bhuailt le Morisons, Aireamh 14 An t-Straid Ard)
  • MacEachainn, Eobhan. 1842. Faclair, Gailig us Beurla (Peirt [Peairt]: Chlo-bhuilte le R. Morison)
  • MacEachen, Ewen. 1902. Faclair Gaidhlig is Beurla /MacEachen's Gaelic-English Dictionary: revised and enlarged by Alexander MacBain, LL.D. and John Whyte 2na deas.(Inverness: Highland News Office)
  • MacEachen, Ewen. 1906. MacEachen's Gaelic-English Dictionary: 3rd edition revised and enlarged by Alexander MacBain, LL.D. and John Whyte 3mh edn.(Inverness: Taylor & Bain, The Highland News)
  • MacEachen, E. 1979. Maceachen's Gaelic-English dictionary: revised and enlarged by Alexander Macbain and John Whyte (4mh deas.) (Inverness: Highland Printers Ltd)

Iomraidhean

deasaich
  1. 'Evan' aig Leabharlann Oilthigh Ghlaschu
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 2.5 MacBain & Whyte. 1902. MacEachen's Gaelic-English Dictionary: revised and enlarged by Alexander MacBain, LL.D. and John Whyte 2na deas.(Inverness: Highland News Office), d.iv
  • Roberts, Alasdair. 2006. Maighstir Eobhan Mac Eachainn and the Orthography of Scots Gaelic’. TGSI LXIII 2002-04. 358-405.