Donnchadh nam Pìos
Bha Donnchadh nam Pìos (Donnchadh MacRath) (Beurla: Duncan MacRae of Inverinate) na bhàrd Gàidhlig. Fhuair e fhoghlam ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus thathas a ràdh gun do sheall e sàr sgil ann an innlearachd. B’ esan a sgrìobh an Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig, ann an dòigh-litreachaidh a bha stéidhte air a’ Bheurla. Thòisich e ris an obair sin ann an 1688.
Donnchadh nam Pìos | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Inbhir Ìonaid, |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Abhainn Chonaig, 1700 |
Nàdar a’ bhàis | (bàthadh) |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Obraichean comharraichte | Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig |
Gnè ealain | bàrdachd |