Anns an Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig (Beurla: Fernaig Manuscript) tha mu 4200 loidhne de bhàrdach - air cuspairean poileataics agus creideimh dhan chuid as motha. Chaidh a sgrìobhadh eadar 1688 agus 1693 le Donnchadh nam Pìos (Donnchadh MacRàth) ann an Taobh Siar Rois. Chleachd e dòigh-litreachaidh sònraichte aige fhéin, stéidhte air litreachadh a’ Bheurla mar a tha an litreach anns an làmh-sgrìobhainn nas ainmeile Leabhar Deathan Lios Mòir. Sa bhliadhna 1923 dh’fhoillseachadh Calum MacPhàrlain cnuasachadh air an làimh-sgrìobhainn, agus “eadar-theangachadh” dì don chiad uair ann an litreachadh àbhaisteach na Gàidhlig.

Eisimpleir dhen dàn "Gillimichells ansr to ye ford lyns":

Teacsa tùsail[1] a rèir MhicPhàrlainn[2]

is trouh i cheile veg Ri Vlliam
Reine mūnnin and si toirse
Hreig i vi ri dūinoilis
is leish i būrris vi ri boist
No faickig eads cūndoirt ea
Snach burrine ea si toire
Seads loūyh chuirrig mulloid er
No Tih nach vūn da void

Is truagh a' chiall bh'aig Rìgh Uilleam,
Rinn muinghinn anns an t-seòrs,
A thréig a bhi ri duinealas,
Is leis am b'fhuras bhi ri bòsd;
Na'm faiceadh iad-s' an cunnart e,
'S nach b'urrainn e 'san tòir,
'S iad 's luaithe chuireadh mulad air
Na 'n tì nach d'bhuain d'an bhòid.

Iomraidhean

deasaich
  1. MacPharlain Làmh-sgrìobhainn Mhic Rath, (pp268)
  2. MacPharlain Làmh-sgrìobhainn Mhic Rath, (pp269)