B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Donnchadh MacDhunlèibhe (1877-1964). Rugadh is thogadh e ann am Muile, ach dh'imrich e a Ghlaschu agus an dèidh sin a dh'Afraga a Deas.

Donnchadh MacDhunlèibhe
Beatha
Breith Muile, 30 dhen Mhàrt 1877
Dùthaich  Alba
Bàs Pretoria, 25 dhen Chèitean 1964
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, bàrd agus clèireach obraichean
Gnè ealain bàrdachd
Seirbheis san arm
Strì Dàrna Cogadh nam Boer

Rugadh Donnchadh MacDhunlèibhe ann am Muile air oighreachd Thoir-Ioisg. Dh'imrich an teaghlach gu Tobar Mhoire, far an do thogadh e. Ghabh e dhan Arm nuair a thòisich an dàrna Cogadh nam Boer ann an 1899. Chaidh a leòn agus thill e a Ghlaschu agus dh'fhuirich e ann rè greis. Thill e a dh'Afraga a Deas nuair a bha na cogaidhean seachad ann an 1903. Ann an 1911, phòs e Catrìona Dòmhnallach à Muile, agus chuir iad seachad am beatha ann am Pretoria, far an robh Donnchadh ag obair ann an seirbheis an Riaghaltais.

Nochd rosg MhicDhunlèibhe ann an Gairm, agus ann an dà iris Chanadach, Teangadòir agus Irisleabhar Ceilteach.

Rinn Ruaraidh MacThòmais ath-sgrùdadh air bàrdachd MhicDhunlèibhe ann an Gairm 119. Sgrìobh MacDhunlèibhe iomadh dàn sgaiteach a tha a' dèiligeadh ri sgaradh-cinnidh ann an Afraga a Deas.

BàrdachdDeasaich

  • ‘Bean Dubh a’ Caoidh a Fir a Chaidh a Mharbhadh leis a’ Phoileas’
  • ‘Feasgar an Duine Ghil’

Clàr-leughaidhDeasaich

  • MacDhunleibhe, Donnachadh<sic>. 'Feasgar an Duine Ghil' ann an Gairm Àir. 33. Am Foghar 1960, dd.69-70.
  • MacThòmais, Ruaraidh. 'Donnchadh MacDhunlèibhe.' Gairm 119. An Samhradh 1982, dd. 257-268.